Ceistean Cumanta mu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Flowers

Ceistean bitheanta a fhreagair Evelyn Coull MacLeòid

A bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig comasach mura h-eil Gàidhlig againn fhìn?

Tha. Tha a’ mhòr chuid de chlann a tha a’ tighinn a-steach do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ tighinn bho dhachaighean far nach eil Gàidhlig air a bruidhinn. Tha cuideachadh agus taic ann agus tha pailteas de chothroman ann airson pàrantan an cànan ionnsachadh.

Am feum mo leanabh a dhol gu sgoil àraich Ghàidhlig mus tèid iad a-steach do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Chan eil seo riatanach idir ach bu chòir seo a dhèanamh ma tha e idir comasach agus tha sgoiltean àraich ceangailte ri bun sgoiltean a-nise anns a’ mhòr chuid de sgoiltean.

Dè na buannachdan a tha an cois a bhith fileanta ann an dà chànan?

Ciamar a tha sinn a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh nuair is e dìreach aon phàrant a tha ga bruidhinn?

S e suidheachadh a tha seo a tha gu math cumanta, chan e a-mhàin ann an Alba far a bheil Gàidhlig agus Beurla air a bruidhinn, ach cuideachd ann an iomadh dùthaich air feadh an t-saoghail far a bheil barrachd air dà chànan air a’ labhairt gu làitheil. ‘S e a chiad cheum roghnachadh a bheil thu ag iarraidh gum bi an leanabh agaibh fileanta ann an dà chànan. Tha e an uairsin cudromach gu bheil am pàrant aig a bheil Gàidhlig ga bruidhinn anns an dachaigh nuair a tha e comasach dhaibh sin a dhèanamh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil an leanabh a’ fàs cleachdte ri bhith ga cluinntinn. Cha leig an leas don phàrant aig nach eil Gàidhlig a bhith a’ faireachdainn air an glasadh a-mach bho seo, oir cuimhnich gu bheil e a’ còrdadh ri clann òg a bhith ag eadar-theangachadh dè tha air a bhith air a ràdh saGhàidhlig! Faodaidh am pàrant sin Beurla a chleachdadh agus tha seo a’ ciallachadh gum fàs an leanabh sin fileanta anns an dà chànan.

Faodar taic a thoirt dha do leanabh tro bhith a’ gabhail ùidh anns an fhoghlam aca agus tro bhith a’ gabhail pàirt ann an tachartasan Gàidhlig – telebhisean, rèidio, tachartasan taobh a-muigh na sgoile agus gnothaichean sòisealta. Tha mòran chothroman ann do phàrantan Gàidhlig ionnsachadh, gu math tric ann an clasaichean sònraichte do phàrantan.

Chòrdadh e rium foghlam dà-chànanach a thaghadh dhan leanabh agam ach tha mi iomagaineach nach urrainn dhomh cuideachadh le obair-dachaigh?

Mar is trice nuair a tha leanabh a’ dol dhan sgoil tha na pàrantan a’ lorg nach eil uiread a dh’uallach orra mun obair-dachaigh ach tha taic ann far a bheil feum air bho tidsearan agus ann an cuid de sgoiltean bho phàrantan aig a bheil Gàidhlig. Tha clubaichean obair-dachaigh agus structaran taic eile do phàrantan cuideachd nas cumanta. Tha CD’s agus teipichean aig sgoiltean far an urrainn do chlann èisteachd ri òrain air an leughadh a-mach, gu h-àraidh anns na tràth ìrean den bhun-sgoil. Faodaidh sgoiltean cuideachd duilleagan obair-dachaigh matamataig Heinemann a thoirt seachad far a bheil Gàidhlig air aon taobh agus Beurla air an taobh eile.

Chòrdadh e rium leughadh a dhèanamh le mo leanabh san dachaigh. Ciamar a bhiodh seo comasach mura robh iad fileanta sa Ghàidhlig?

Faodaidh tu iasad de leabhraichean Gàidhlig air teip fhaighinn bhon sgoil agus dh’ fhaodadh sibh. Cuideachd tha leabhraichean rim faighinn sa chruth a tha seo air an eadar-lìon airson luchdadh a-nuas, mar eisimpleir air làrach lìn www.gaelic4parents.com. www.gaelic4parents.com. Chan eil adhbhar sam bith gun a bhith a leughadh Beurla riutha.

Dè seòrsa buaidh a bhiodh aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air Beurla mo leanabh?

‘S ann sa Ghàidhlig a tha a mhòr chuid de dh'fhoghlam leanabh anns a’ chiad dà bhliadhna le leughadh agus sgrìobhadh Beurla a’ tighinn a-steach air prìomh a trì. Bidh clann a’ gluasad nan sgilean a dh’ ionnsaich iad ann an aon chànan chun a’ chànain eile. Mar sin, togaidh iad an ath chànan gu math luath nuair a tha iad a’ tòiseachadh a’ leughadh sa Bheurla. Dhearbh rannsachadh a rinn Oilthigh Shruighlea ann an 1999 gun robh ‘clann ann am prìomh a seachd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas adhartaiche na clann a bha air a dhol gu siostam Beurla a-mhàin’ *An t-Ollamh Richard Johnstone, The Attainments of Pupils Receiving Gaelic-medium Primary Education in Scotland, CILT Alba, Oilthigh Shruighlea, 1999.

Carson a bu chòir dhuinn bodraigeadh ri Gàidhlig anns an dachaigh nuair a tha iad air a theagasg anns an sgoil?

Tha pàirt air leth cudromach aig an dachaigh ann an oideachadh leanabh, a’ daingneachadh obair na sgoile. Tro bhith a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh gheibh leanabh cothrom sgilean cudromach a thaobh cànain ‘s docha nach eil a’ nochdadh ann an suidheachadh foirmeil sgoile.

Tha mo leanabh fileanta. Carson a bu chòir dhomh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaghadh?

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ daingneachadh a’ chànain a tha fileantaich a’ bruidhinn agus gam misneachadh gus cumail orra ga bruidhinn ann an difear shuidheachaidhean. Tha e cuideachd gan cuideachadh ann a bhith a’ fàs fileanta gu litearra anns a’ chànan.

Ma tha feumalachdan sònraichte aig an leanabh agam, de thachradh?

Faodaidh clann le feumalachdan sònraichte an ìre as àirde den comasan a ruighinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, dìreach mar a dh’ fhaodadh iad ann an siostam sam bith eile. Chan eil dearbhadh sam bith againn gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ cur ri duilgheadasan ionnsachaidh sam bith. Ma tha ceistean sam bith agaibh, gabh comhairle bho eòlaichean a tha cleachdte ri bhith a’ dèiligeadh ri clann dà-chànanach.