Eachdraidh na Deasbaid
Chaidh an Deasbad Nàiseanta a stèidheachadh aon oidhche ann an 1999 an dèidh còmhradh eadar triùir fhear ann an Stèornabhagh is iad a’ beachdachadh air cor na Gàidhlig an luib an òigridh.Bha iad a’ faireachdainn gun robh feum air farpais deasbaid gus sgilean conaltraidh a leasachadh agus bha iad den bheachd gun toireadh e cothrom luachmhor do dh’òigridh an latha tighinn cruinn còmhla gus am beachdan a lìbhrigeadh air cuspairean an latha.
B’ iad an triùir, Alasdair Moireastan (Ball Pàrlamaid), Dòmhnall MacIlleathain (Comhairliche Ionadail) agus Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain (Comataidh Craolaidh Gàidhlig / Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig). Ghabh Comhairle nan Eilean Siar an rianachd os làimh agus mhaoinich iad a’ chiad deasbad a ghabh àite ann an Lìonacleit sa Ghearran 1999 far an do bhuannaich Sgoil Lìonacleit cuach àlainn na deasbaid a chaidh a thoirt mar thiodhlac le Dòmhnall MacIlleathain a bha na neach-cathrach air an deasbad gu 2005.
An dèidh bruidhinn ri na sgoiltean, chaidh àm an deasbaid atharrachadh chun an t-Samhainn oir b’ i sin a’ mhìos a b’ fhèarr a bha freagairt air obair nan sgoiltean. An dèidh do Alasdair Moireastan bruidhinn ri BT Alba, chuir iadsan taic air leth fialaidh ris an deasbad agus rugadh Deasbad BT Alba san t-Samhainn 1999.
Tha iomadh sgoil is sgioba, bho air feadh Alba, air pàirt a ghabhail san deasbad on àm sin agus tha sgoiltean, sgoilearan, luchd-teagaisg, britheamhan is gach duine eile a tha an luib an deasbaid air obair mhòr a dhèanamh gus tachartas bliadhnail soirbheachail a thoirt gu bith.
A nis, còrr is fishead bliadhna air adhart tha an Deasbad fhathast a dol, le cuideachadh bho buidheannan air feadh Alba, leithid; Loganair, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Baile Ghlaschu, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Buidheann Teisteanas na h-Alba agus Foghlam Alba.
Tha sgilean conaltraidh nan sgoilearan air an neartachadh gu mòr le bhith deasbad air iomadach cuspair trom is aotrom, eibhinn is duilich, glic is gorach agus chan eil teagamh nach eil e air còrdadh ris a’ mhor chuid a tha air a bhith na luib.
Tha duais shònraichte a’ feitheam air an dà sgioba a gheibh troimhe chun na cuairte deireannaich gach bliadhna – cothrom deasbad ann an togalach na Pàrlamaid. Abair gu bheil sin a’ toirt an sgilean ann an labhairt poblach air adhart!
Tha a’ chuach air siubhal math a dhèanamh bho Leòdhas gu Uibhist gu Inbhirnis, dhan Phloc is gu Dùn Eideann is Inbhir Pheofharain, ach saoil càit am bi i an ath thuras? Nì aon sgioba an gnothach agus tha sin math, ach tha barrachd air deasbad an luib na co-fharpais. Tha fealla dhà is càirdeas ann a tha a’ leantainn bliadhnaichean as dèidh na co-fharpais agus tha gu leòr a choinnich ann an 1999 nan deagh charaidean fhathast – agus nach math sin.