Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Deasbad 2026

Fàilte gu làrach-lìn Deasbaid Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean

Tha Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean ag amas air sgilean conaltraidh òigridh a’ leasachadh
tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ brosnachadh ceangalan eadar sgoilearan bho air feadh Alba.

Mealaibh ur naidheachd Àrd-sgoil Sir E Scott a shoirbhich aig Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2025!

Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean Ghàidhlig a' tilleadh a Steòrnabhagh an ath-sheachdain 

 

Thèid a' chiad dà chuairt a chumail aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh, agus tha fàilte chridheil air a' phoball a bhith an làthair.  Tòisichidh a’ chiad chuairt air Dimairt 3 Samhain anns an Lanntair aig 12.30. 

Bidh an dàrna cuairt a’ leantainn Diciadain 4 Samhain, a-rithist aig an Lanntair eadar 10.30m - 1:00f agus eadar 2:30 - 5:00f. Thèid na ceithir sgiobaidhean leis na comharran as àirde air adhart chun iar-chuairtean deireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Diciadain 25 agus Diardaoin 26 Samhain. Tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air britheamhan na bliadhna seo; Catriona Mhoireach, Ruairidh Rothach agus Tormod MacLeòid. 

Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Cathraiche Comataidh Stiùiridh an Deasbaid Nàiseanta: “Tha sinn air leth toilichte a bhith air ais còmhla a’ cur Deasbad 2026 air dòigh. Bu mhath leinn gu sònraichte taing a thoirt do Spiorad na Mara airson an taic a thug iad seachad gus an fharpais a chumail.  Tha maoineachadh a bharrachd air a thoirt seachad le Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Comhairle Baile Dhùn Èideann, Urras Steòrnabhaigh, Urras MhicAmhlaigh, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Comhairle Baile Ghlaschu agus Bòrd na Gàidhlig.” 

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun dàrna cuairt agus cuspairean an deasbaid, thoiribh sùil air;  

https://www.foghlamgaidhlig.com/deasbad/ 

National Gaelic Schools Debate returns to Stornoway next week 

 

The first two rounds will be held at An Lanntair, Stornoway, and members of the public are warmly invited to attend.  The first round will commence at 12.30pm on Tuesday the 3rd of November. 

The second round will follow on Wednesday 6th November, again at An Lanntair between 10.30am - 1:00pm and between 2:30 - 5:00pm. The four teams with the overall highest marks will progress to the semi-finals that will take place in Edinburgh on Wednesday 25th and Thursday 26th November. The committee welcomes the judges for this year; Catriona Murray, Roddy Angus Munro and Norman MacLeod. 

Evelyn Coull Macleod, Chairperson of an Deasbad Nàiseanta’s Management Committee commented: “We are delighted to be back together organising the  2026 Deasbad. We would especially like to thank Spiorad na Mara for their support in allowing the competition to take place.  Additional funding has been provided by The Scottish Government, Comhairle nan Eilean Siar, Highland Council, Skills Development Scotland, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, City of Edinburgh Council, The Stornoway Trust, The MacAulay Trust, The Gaelic Language Promotion Trust, Glasgow City Council and Bòrd na Gàidhlig”. 

For further information on the Stornoway rounds and topics for debate, please visit https://www.foghlamgaidhlig.com/deasbad/  

A' Chiad Chuairt

Cuairt 1 

  1. Àrd-sgoil Mhicneacail V Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis 

 

Cha robh saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba a-riamh cho fallain. 

 

  1. Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig V Acadamaidh Hazelhead 

Cha robh duine a-riamh cho cudromach do shaoghal a’ chiùil na bha Dolly Parton. 

 

  1. Àrd-sgoil Ghreenfaulds V Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig B 

Tha còir bun-thuarastal a bhith ann airson luchd-ealain agus luchd-ciùil ann an Alba. 

 

  1. Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa V Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil 

Bu chòir casg a chur air na meadhanan sòisealta do dhuine sam bith fo aòis 16. 

 

  1. Àrd-sgoil Phortrigh V Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu 

 

Tha a’ Ghàidhlig nas làidire na bha e a-riamh. 

 

  1. Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig A V Àrd-sgoil a’ Phluic 

Tha còir stad a chur air sealg a’ Ghuga. 

 

  1. Sgoil Ghramair Dhun Omhainn V Sgoil Lìonacleit 

 

Tha dearbh-aithne làidir aig Alba. 

 

  1. Sgoil Sir E Scott V Àrd-sgoil Àird nam Murchan 

 

Tha e nas fheàrr spòrs ann an sgioba a chluich na spòrs fa leth. 

 

  1. Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich V Acadmaidh Inbhir Pheofharain 

Tha an ginealach againne nas fheàrr dheth na ginealach sam bith eile a chaidh romhainn.

An Darna Cuairt

4 Samhain 2026 :  An Lanntair, Steòrnabhagh 

 

Bidh gach sgioba a’ deasbad air an aon chuspair.   

 

Cha bhi na sgiobaidhean a’ tighinn a-steach don t-seòmar-deasbaid gus am bi ia 

fhèin a’ deasbad.  Thèid na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean, bhon dà 

là, air adhart gu na cuairtean deireannach. 

 

10.30m 

Chan fhiach a dhol dhan oilthigh 

 

  1. Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig B V Àrd-sgoil Phortrigh 
  1. Àrd-sgoil Àird nam Murchan V Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich 
  1. Sgoil Lìonacleit V Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa 
  1. Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu V Àrd-sgoil Ghreenfaulds 
  1. Acadamaidh Rìoghail Inbhirnis V Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig A 

 

 

2.30f 

  1. Acadamaidh Inbhir Pheofharain V Àrd-sgoil Mhicneacail 
  1. Acadamaidh Hazelhead V Sgoil Ghramair Dhun Omhainn 
  1. Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil V Sgoil Sir E Scott 
  1. Àrd-sgoil a’ Phluic V Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig 

 

Air na Meadhanan Sòisealta

Tha sgioba an Deasbaid airson taing mhòr a thoirt do luchd-urrais agus com-pàirtichean an tachartais, agus an taic leantainneach aca a’ ciallachadh gu bheil an tachartas bhliadhnail seo comasach. Tha an dealas aca a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig daoine òga an tàlantan a thaisbeanadh agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh le pròis agus adhbhar aig ìre nàiseanta. ’S iad Spiorad na Mara, The Scottish Government, Comhairle nan Eilean Siar, SQA, Highland Council, Skills Development Scotland, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, BBC Gaelic Broadcasting, Glasgow City Council and Bòrd na Gàidhlig.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu:
Evelyn Coull Macleod
deasbad@gmail.com 


 Àrd-sgoil Sir E Scott - Deasbad 2025

Àrd-sgoil Sir E Scott - Deasbad 2025


a craft table with various pens and pencils

Gailearaidh Deasbaid

Dealbhan bho na Deasbadan

Seall an seo

Gailearaidh Bhuannaichean

Sir E Scott a bhuannaich farpais 2023 le britheamhan Aonghas Mac'Illinnein, Joy Dunlop agus Iain MacAmhlaigh