Riaghailtean na Deasbaid
Neach-cathrach
Bidh gach nì a thachras fad an Deasbaid fo stiùireadh is fo smachd an neach-cathrach. Fosglaidh an neach-cathrach an deasbad le faclan iomchaidh agus na dhèidh sin cuiridh e/i aithne air na britheamhan agus an luchd-labhairt don luchd-èisteachd. Thèid cuspair an deasbaid innse don luchd-èisteachd, agus leanaidh an deasbad air a rèir an òrdugh seo shìos. Aig deireadh gnothaich nì e co-dhùnadh agus bheir e taing don luchd-labhairt.
Cruth an Deasbaid

Cuairt 1/2
Ghheibh na sgiobaidhean cuspairean na deasbaid greis ro làimh.
Cluinnidh gach neachd-labhairt clag rabhaidh 30 diogan ro chrìoch na h-ùine cheadaichte aca agus nuair a bhuaileas an dàrna clag, feumaidh iad na tha iad ag ràdh a thoirt gu ceann. Nuair a bhios an dà òraid aig gach sgioba seachad, bidh cothrom aig na sgiobaidhean deasbad air a' chuspair. An dèidh sin gheibh gach sgioba cothrom facal a ràdh sa cho-dhùnadh. Mairidh sin eadar mionaid is dà mhionaid. Bu chòir don cho-dhùnadh a bhith air a chur ri chèile tron deasbad. Nuair a tha na deasbadan seachad, bidh aon de na britheamhan a' toirt beachdan san fharsaingeachd air mar a chaidh an deasbad. Bidh gach britheamh a' sgrìobhadh comharra a-mach à deich airson gach sgioba, ach cha tèid iad sin a thoirt seachad gu às dèidh cuairt 2.
Ann an cuairt 2, 's e an aon chuspair a bhios aig gach sgioba. Aig deireadh nan deasbadan, bheir na britheamhan seachad na comharran airson gach deasbad anns gach cuairt agus thèid na ceither sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe gu cuairt 3. Innsidh iad cuideachd dè an deasbad a b' fheàrr nam beachd-san ann an cuairt 2.
Cuairt 3/4
Gheibh na sgiobaidhean cuspairean cuairt 3 agus 4 an dèidh cuairt 1/2.
Bidh riaghailtean nan cuairtean deireannach a' tighinn a rèir nan riaghailtean airson nan cuairtean eile, ach bidh fad nan òraidean is an cothrom deasbaid nas fhaide.
Stiùireadh
- Bidh dithis anns gach sgioba.
- Thèid innse do gach sgioba gu dè an taobh den mholadh air am bi iad a' bruidhinn. Bidh an sgioba a tha air an ainmeachadh an toiseach ag argamaid a' chiad taobh den chùis. Leanaidh sin tro na cuairtean.
- Bidh sgiobaidhean a tha a' leughadh ro dlùth bho sgriobt air am peanasachadh. Faodar notaichean a chleachdadh agus faodar notaichean a ghabhail tron Deasbad.
- Bithear a' sùileachadh gun tog an dàrna neach-labhairt anns gach sgioba air puingean a nochd san òraid aig a' chiad neach labhairt.
- Bidh sgiobaidhean air am peanasachadh ma tha rudan anns na h-òraidean aca a bheir oilbheum ann an dòigh sam bith don sgioba eile no don luchd-èisteachd.
- Nì an neach-cathrach agus na britheaman nas urrainn dhaibh gus an luchd-labhairt a chuideachadh.
- Bidh na britheamhan a' sireadh trì nithean anns na h-òraidean - stoidhle, brìgh agus èifeachdas. Faic gu h-ìosal.
Stoidhle
- Chan e idir an rud a chanas duine a tha cudromach san roinn seo ach an dòigh a tha e/i ga ràdh.
- Comas an neach-labhairt air puingean a lìbhrigeadh gu soilleir.
- An ceangal a tha an neach-labhairt a' dèanamh ris an luchd-èisteachd.
- Gluasad ann gu guth.
- A bhith èibhinn ma tha sin iomchaidh.
- Modh labhairt - cleachdadh cànain agus fileantachd.
- Bidh neach a ruitheas tro òraid a tha gu follaiseach air a h-ionnsachadh facal air an fhacal air a pheanasachadh. Bidh structar nàdarra is stoidhle a' cosnadh chomharran don neach-labhairt.
- Tha e làn cheadaichte cairtean làimhe a chleachdadh. Tha e ceadaichte stuth-taice a chleachdadh ach feumar a bhith cinnteach gu bheil e èifeachdach.
Brìgh
- Bu chòir dha bhith follaiseach bho dheagh òraid gu bheil an neach labhairt air an cuspair a dheisleachadh gu cùramach.
- Bu chòir dhan neach-labhairt tuigse a nochdadh de na prìomh phuingean co-cheangailte ri cùis na deasbaid agus feumaidh structar soilleir a bhith air an òraid.
- Bidh nithean neo-iomchaidh a nochdas san deasbad air am peanasachadh.
- Tha taghadh iomchaidh de fhianais fhreagarrach cudromach.
- Cha bhi mìneachadh cuspair a tha faoin is lapach soirbheachail idir.
Èifeachdas
- Dè an ìre gu bheil a h-uie càil a th' ann a' tighinn ri chèile? Tha an cothrom deasbaid/ceasnachaidh an dèidh nan òraidean cudromach. Feumaidh an dithis a th' anns gach sgioba pàirt a ghabhail agus a bhith a' cuideachadh a chèile.
Britheamhan
Bheir na britheamhan an cuid chomharran a-mach à 30. Bidh gach eileamaid - stoidhle, brìgh is èifeachdas - air an gabhail a-steach.
Bithear an dùil gum bi aithris sgrìobhte bho na britheamhan a' toirt mìneachadh don luchd-labhairt a bhios cuideachail. Feumaidh na britheamhan cuimhne a chumail gu bheil a' cho-fharpais a' toirt cothrom do dh' oileanaich an sgilean labhairt poblach a neartachadh agus gum bi na beachdan a gheibh iad an teis mheadhan na dh' ionnsaicheas iad bhon deasbad.
An dèidh gach deasbaid, thèid iarraidh air aon dhuih breithneachadh dòigheil agus comhairle a thoirt don luchd-labhairt. Cha ghabh cur an aghaidh co-dhùnaidhean nam britheamhan.