Bha Sgoil Bhreascleit agus Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne na Comhairle air leth toilichte ainmeachadh gun tèid an treas oidhche ann an sreath de thachartasan gus ceud bliadhna on a sheòl am Metagama à Steòrnabhagh air an 21mh Giblean 1923 a chomharrachadh.
Ghabh an treas oidhche àite aig Ionad Coimhearsnachd Bhreascleit air Diluain 27mh Màrt 2023 aig 6.30f. Bidh sgoilearan na sgìre a’ taisbeanadh an sgilean dràma, ceòl agus seinn air an àrd-ùrlar. Chaidh an sgriobt a sgrìobhadh le Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein. A thuilleadh air dràma agus ceòl bho na sgoilearan bidh Coinneach MacIllinnein a’ nochdadh mar sheanchaidh na sgìre. Cuideachd, chualar am pìobaire ionadail, Ùisdean Reid agus an seinneadair Tormod Mac a’ Ghobhainn. Bidh Anna NicAonghais air a’ bhogsa agus Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cur a-mach an loidhne. Deagh oidhche air fàire le tàlant ann am pailteas bho mhuinntir na sgìre fhèin.
Bha a’ chuirm seo an asgaidh airson dhaoine ach thèid cruinneachadh a dhèanamh air an doras airson Bethesda.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, “Tha an obair a tha a’ gabhail àite na adhbhar mhisneachd dhuinn uile. Tha gach tachartas gu tur eadar-dhealaichte le sgriobtaichean a tha a’ gabhail a-steach sgeulachdan ionadail. Tha a’ chlann air ùidh mhòr a thogail anns a’ chuspair agus tha sinn an dòchas gun cuimhnich iad air a’ phròiseact seo fad am beatha”.
Sgoil Bhreascleit and Comhairle nan Eilean Siar’s Department of Education, Skills and Children’s Services were delighted to announce the third in a series of events to commemorate one hundred years since the Metagama sailed from Stornoway on the 21st of April 1923.
The third event took place at Breasclete Community Centre on Monday 27th of March 2023 at 6.30pm. Pupils from the area showcased their acting, singing and musical skills in what promises to be a memorable evening. The script was written by Cathy Mary MacMillan and inputs from local individuals have been invaluable in bringing this project to life for the pupils. Local piper Uisdean Reid performed as well as singer, Norman Smith and accordion player, Anna MacInnes. The psalm precentor was Kenny Smith.
Evelyn Coull MacLeod said: “The work which is taking place in our schools is a source of optimism for us all. Every event is unique with differing scripts which bring in local stories relating to the Metagama and the families who were impacted by this chapter in our history. Pupils have been highly engaged with the project and we hope that they will have everlasting memories of their time working on the Metagama.”.