Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

An Iolaire

An Iolaire

Choinnicheadh tu ri aghaidhean gu math muladach ann an Leòdhas is Na Hearadh nan toireadh tu iomradh air an Iolaire. Ach gu dè a bha san Iolaire agus dè mu deidhinn a tha a’ toirt air daoine faireachdainn mar seo, cha mhòr ceud bliadhna an dèidh an ama?

B’ e gheat leis a’ Chabhlaich Rìoghail, a thogadh ann an 1881, a bha san Iolaire. Dh’aithnimichear i an Amalthea ach b’ e an Iolaire a thugadh mar ainm oirre an dèidh seo. B’ e call na h-Iolaire a’ chùismhulaid a bu mhotha a thug buaidh air Leòdhas ’s Na Hearadh a-riamh. Bha an Iolaire a’ giùlan sheòladairean air ais a Leòdhas an dèidh dhaibh a bhith a’ sabaid sa Chiad Chogadh. Dh’fhàg i port a’ Chaoil, air tìr-mòr, anmoch feasgar air 31 Dùbhlachd 1918. Ach, aig 2.30 madainn na Bliadhn’ Ùire, mar a bha i a’ dèanamh air port Steòrnabhaigh, dhà na thrì shlatan bho thìr agus mìle air falbh bho fhàsgadh Caladh Steòrnabhaigh, chaidh i air na creagan aig ‘Biastan Thuilm’ agus mu dheireadh chaidh i fodha. Gu h-iomlan, chaidh 174 de dh’fhir Leòdhais is seachdnar às Na Hearadh a bhàthadh aig Biastan Thuilm.

Cluinnear tric iomradh air an Iolaire ann am bàrdachd, òrain is litreachas co-cheangailte ris an eilean. B’ e an rud a rinn a’ chùis cho cianail gun robh gairm-sìth air àite a ghabhail dìreach sia seachdainean roimhe seo agus bha na seòladairean a’ tighinn dhachaigh airson a’ chiad uair bho sguir an cogadh, deiseil gus beatha ùr a thòiseachadh, is sgrios a’ chogaidh a chur air an cùlaibh. Bha an naidheachd gun tàinig iad beò à ceithir bliadhna sa chogadh gu bhith air am bàthadh cho faisg air an dachaigh ga dhèanamh tuilleadh is tiamhaidh. Bha Eilean Leòdhais air mìle duine a chall sa chogadh fhèin agus b’e droch bhuille eile a bha seo. Is gann gun robh dachaigh san eilean air nach tug seo buaidh. Thàinig eich is cairtean bho air feadh an eilein airson cuirp nam marbh fhaighinn – is mòran dhiubh air a thighinn air tìr air Tràigh Shanndabhaig, air taobh a-muigh Steòrnabhaigh. Cha d’ fhuaras a-riamh cuirp mu threas cuid dhen fheadhainn a chaidh a chall is, mar sin, bha cothrom adhlacaidh air àicheadh dhan teaghlaichean.

Tha sgeulachdan a chluinnear aig feadhainn a fhuair às lem beatha gu h-àraidh tiamhaidh. Chuidich Iain F MacLeòid à Port Nis a’ mhòr-chuid gus faighinn gu tìr le bhith a’ ceangal loidhne bhon Iolaire gu na creagan. Bha aon sheòladair, Dòmhnall Moireasdan, cuideachd à Nis, a chuir seachad an oidhche le grèim bàis air crann an t-soithich.

Ach, dè thachair air an oidhche? ’S iomadh facal còmhraidh a bha a’ falbh beul bho bheul airson mìosan agus bliadhnaichean an dèidh na tubaist is e air aithris gun robh an criutha air a bhith ag òl. Bha an criutha air slighe ùr a ghabhail agus bha fios aig mòran gum b’ e slighe a bha seo a bha ag iarraidh sgil is deagh làimhseachadh. Ged a dh’fhaodadh iad a bhith air mearachd a dhèanamh, chan eil fianais sam bith ann gun do rinn iad càil le cion diù.

Dh’fhàg call na h-Iolaire sgòth mhaireannach thairis air Leòdhas is Na Hearadh – sgòth a dh’fhàg a làrach thar ghinealachan. Chaidh clann fhàgail gun athraichean agus cuid de mhàthraichean a chaill barrachd is aon duine cloinne san tubaist. Tha e cudromach gun cùm sinn cuimhne air nì a dh’atharraich eachdraidh ar n-eilein.

Gniomhan

  1. Dèan rannsachadh air òrain no bàrdachd sam bith cocheangailte ri call na h Iolaire.
  2. Faigh a-mach le bhith a’ faighneachd dhad theaghlach no daoine anns a’ choimhearsnachd mu bhuaidh call na h-Iolaire air do bhaile no do choimhearsnachd. Sgrìobh aithris.

Loidhne Tim

  • 11/11/1918 - Deireach a'Chiad Chogaidh gu f-oifigeil
  • 31/12/1918 - Dh' fhàg an Iolaire An Caol
  • 01/01/1919 - Chaidh an Iolaire fodha aig Biastan Thuilm