Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Biastan snàigeach

Biastan snàigeach

’S e aon sheòrsa de bhiast-snàgach a tha sna h-Eileanan Siar agus ‘s e sin sleathag (slowworm no blindworm).

Tha i mu 30cm a dh’fhaid agus an dath aice eadar a bhith donn agus a bhith glas agus chan eil i slaodach, chan eil i dall agus chan e boiteag a th’ innte! ’S e a th’ innte laghairt a chaill a casan o chionn iomadh bliadhna agus a tha a-nis a’ gluasad mar nathair agus tha i coltach ri nathair cuideachd.

Tha cuid a dhaoine a’ dèanamh mearachd nuair a tha iad a’ smaoineachadh gur e nathair nimheil a tha innte agus ma chì iad tè air a’ mhòinteach marbhaidh iad i. Tha iad fuar-fhuileach mar na nathraichean agus is caomh leotha a bhith a’ laighe air creig sa ghrèin air latha teth. Chan eil iad a’ dèanamh call sam bith ach tha iad a’ dèanamh mòran feum le a bhith a’ marbhadh sheilcheagan agus bheathaichean beaga calldach eile. Mar sin chan eil e iomchaidh a bhith gam marbhadh idir.