Coineanach no rabaid
Chaidh coineanaich an toirt a Bhreatainn bhon Roinn Eòrpa o chionn faisg air mìle bliadhna ach 's ann o chionn timcheall air ceud bliadhna a chaidh an toirt a-steach dha na h-Eileanan Siar. B' e fear air an robh an t-ainm Mgr Millbank a thug iad gu Loch Shìophort an dèidh 1865 agus sgap iad às an sin air feadh Leòdhais agus na Hearadh.
Bha iad air an toirt a dh'Uibhist a Tuath mu 1870 agus a dh'Uibhist a Deas, a Bharraigh agus a Bhatarsaigh uaireigin ro 1842.
'S e creimich mar radain a tha sna rabaidean agus nì iad call mòr air feur agus air craobhan òga. Nì iad call mòr air machraichean cuideachd far am bi iad a' cladhach tuill air feadh an àite. Tha e air aithris gun ith trì rabaidean uiread ri caora agus gun ith fichead 's a còig uiread ri bò. 'S e an aon nì math mun deidhinn gu bheil iad nam biadh dha mòran iseanan mar chlamhain, chlamhain nan cearc agus iolairean-bhuidhe (dhubha). Mar is motha a dh'itheas iad dhiubh 's e as fheàrr.
Tha an call a tha rabaidean a' dèanamh ann an àitean mar Astràilia agus Sealainn Nuadh agus eadhon ann an seo fhèin a' sealltainn gòraich dhaoine a bhios a' toirt a-steach bheathaichean a tha coigreachail dhan àite. Bu chòir dha daoine a bhith air am faiceall nach toir iad beathaichean nach robh san àite a cheana a-steach do na h-Eileanan Siar.
