Eala-bhàn (Mute Swan)
'S ann ainneamh a chithear na h-ealachan seo ann an Leòdhas. Bha tè òg air Loch a' Bhaile ann an Tolastadh a' Chaolais anns an t-Ògmhios 1974 agus bha tè a bh' air tighinn gu aois air an loch sin anns an t-Ògmhios 1975. Air 17 Giblein 1980 thog trì eòin òga ceann air an loch seo a bha air an comharrachadh nan iseanan ann an Uibhist a Tuath a' bhliadhna roimhe sin. Tha Loch a' Bhaile freagarrach airson ealachan agus chithear iad tric ann an seo sa gheamhradh. San Fhaoilleach 1981 chunnacas eòin nan aonar air Loch Stiapabhat agus air Loch Chromòr ann an Leòdhas.
Chunnacas iad dà uair mar seo anns na Hearadh. Chuir dà eun òg beagan làithean seachad air Loch Cisteabhat ann am Borgh aig toiseach a' Chèitein 1978 agus bha fear eile air Loch Roghadail air 27 Faoilleach 1980. Chaidh am fear seo aithneachadh mar fhear a thàinig à Uibhist a Tuath oir bha bann mu amhaich a chaidh a chur air nuair a bha rannsachadh ga dhèanamh air ealachan-bhàna sna h-Eileanan Siar.
Thathar a' meas gun robh ochd ceud is trithead eun anns na h-Uibhistean agus Beinn na Faoghla agus mu chaogad ann am Beàrnaraigh agus dà chàraid no trì ann am Boraraigh ann an Caolas na Hearadh agus ann am Barraigh. Tha a' chuid as motha a' fuireach air na lochan air machraichean a' chosta an iar agus chithear iad bhon rathad ann an sin. Tha ceudan gam beathachadh fhèin air Loch Bì ann an Uibhist a Deas far am facas barrachd air còig cheud sa gheamhradh.
Mar a chithear bhon chunntas seo ann an Leòdhas agus na Hearadh tha an fheadhainn òga a' sgaoileadh a-mach cho fada ri Tiriodh agus County Down ann an Èirinn a Tuath, far na ràinig aon anns a' Ghiblein 1980 an dèidh sia mìosan a chur seachad ann am Maol Chinn Tìre air an t-slighe.
Chan eil cunntas ann gu robh ealachan-bàna sna h-Eileanan Siar gu meadhan na naoidheamh linne deug. Chaidh an toirt a-steach dha na Hearadh ann an Roghadal agus Balelone ann an Uibhist a Tuath ann an 1887 agus a Bhorgh ann an 1893.
![](/media/fkajpw1m/mute-swan-edit.png)