Eala (Whooper Swan)
Bho thoiseach an t-Sultain cluinnear fuaim glòrmhor nan eala sna h-Eileanan Siar nuair a bhios iad a' tilleadh bho na cuantan a tuath ann an teaghlaichean agus ann am buidhnean beaga. Tha lochan ann an Leòdhas - Loch Stiapabhat ann an Nis, Loch Òrdais ann am Bràgair, Loch a' Bhaile ann an Tolastadh a' Chaolais agus Loch Cromòr air leth freagarrach airson ealachan, ach uaireannan chithear iad aig lochan eile sna h-eileanan. Bidh a' chuid as motha dhiubh rim faicinn ann an Col far am bi iad a' cur seachad barrachd tìde na ann an àite sam bith eile ach a-mhàin ann an Nis. Bidh trithead gu ceathrad dhiubh a' cur seachad a' gheamhraidh ann an Leòdhas.
Bidh àireamh dhiubh anns na Hearadh cuideachd far a bheil lochan freagarrach ach 's ann sna h-Uibhistean agus am Beinn na Faoghla as cumanta a tha iad a' geamhrachadh ma leigeas na h-ealachan-bàna leotha.
Corra uair chithear ealachan ann an Leòdhas agus na Hearadh as t-samhradh ach mar as tric 's e feadhainn a bha air an leòn agus nach do dh'fhalbh còmhla ri càch as t-earrach a bhithear a' faicinn air Loch Stiapabhat san t-Ògmhios no san Iuchair. Bidh suas gu dhà-dheug a' fuireach air lochan anns na h-Uibhistean agus chithear iad aig Loch Hallan ann an Uibhist a Deas agus tuath air. Chan eil e soillear gu bheil iad a' neadachadh ach chunnacas eala a' dìon eala-bhàn aig nead le uighean ann an Uibhist a Deas ann an 1978. Tha an ‘Atlas of Breeding Birds in Britain & Ireland’ ag ràdh gun do neadaich ealachan ann am Beinn na Faoghla ann an 1947.
Chithear ealachan bho àm gu àm sa gheamhradh air an dà loch as motha ann am Barraigh. 'S dòcha gun robh feadhainn a' neadachadh ann am Barraigh ann an 1979 ach chan eil cinnt sam bith ann. Bha trì eòin ann fad an t-samhraidh agus chaidh eala le dà isean fhaicinn air 13 Sultain aig ceann a deas Uibhist a Deas. Bha seo mìos mus tàinig iseanan eile a' bhliadhna sin.