Eòin-imrich
Iseanan an earraich
'S e an t-earrach an t-àm ceart airson a bhith a’ coimhead airson iseanan annasach timcheall air an sgoil, a’ chroit agus na lochan. ’S iad sin na h-iseanan a bhios a’ tighinn thugainn a neadachadh a h-uile samhradh à Afraga no feadhainn a bha air an sèideadh tarsainn air a’ Chuan Shiar à Ameireagaidh le gèiltean.
Mar is trice ’s e an fharspag-bheag a’ chiad isean a thig thugainn. Tha i nas lugha na an fharspag agus chan e itean dubha a th’ air na sgiathan agus air an druim aice ach itean dorch glas. Anns a’ Mhàirt gu h-àraidh bidh iseanan a bha a’ dèanamh imrich bho Ameireagaidh a Deas gu Ameireagaidh a Tuath air an toirt tarsainn air a’ Chuan Shiar le na gèiltean. Ràinig iomadh isean bòidheach bho thìrean chèin sinn air an dòigh seo.
Iseanan samhraidh
Aig toiseach an t-samhraidh tha na farspagan-beaga air a thighinn agus chithear clacharain ri taobh an rathaid no air postan nam feansaichean. Thig feadhainn eile à Afraga anns a’ Chèitean, mar steàrnagan, cuthagan, crionagan-ghiuthais, gobhlain-gaoithe agus traoin. Bhiodh e math cunntas a chumail air na h-amannan ’s na h-àitean san robh na seòrsachan iseanan air am faicinn an toiseach. Dh’fhaodar sin a choimeas an uair sin ri obair sgoiltean eile no ris na h-amannan anns an tig iad ann am bliadhnachan eile. Ma thèid thu gu coilltean a’ Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh chì thu iseanan as t-samhradh nach eil rim faicinn ann an àitean eile sna h-Eileanan Siar, mar bhreacan-sgiobalt, ceileiriche-gàraidh, caifean, agus ceileiriche-coille.
Chithear càraidean de learg-chaol agus de ghob-a-da-liridh anns a’ Chèitean ri taobh lochan agus cuideachd cluinnear ceòl sgrìobach a’ ghlaisein. Tha gach isean a tha sin a’ neadachadh anns a’ Chèitean agus san t-Ògmhios agus cha chòir dha duine dragh a chur orra oir bidh starragan agus faoileagan a’ feitheamh gus am faigh iad nead gun isean oirre airson a creachadh.