Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Fiadh

Fiadh

'S e na fèidh (red deer) na mamalan as motha a th' againn agus tha iad rim faicinn air feadh nan eilean. B' ann an coille a b' àbhaist dhaibh a bhith ag ionaltradh ach nuair a chaidh a' Choille Chailleannach a sgrios b' fheudar dhaibh a bhith beò air mòintich agus beanntan ar n-eilean.

Canar frìthean ris na h-àitean sa bheil iad a' còmhnaidh ann am beanntan Leòdhais, na Hearadh agus Uibhist a Tuath agus Deas. Bidh iad a' falbh ann an treudan, ach bidh na daimh agus na h-eilidean a' dealachadh aig amannan sònraichte den bhliadhna.

Tha spotan geala air na laoigh òga nuair a bheirear iad sa Chèitean agus san t-Ògmhios gus nach faic an nàimhdean iad san fheur no san fhraoch oir chan eil iad comasach air gluasad gus am bi iad mu sheachdain a dh'aois.

'S e daimh a chanar ris an fheadhainn fhireann agus 's ann orrasan a-mhàin a tha cabair a' fàs. Tha iad a' fàs às ùr a h-uile samhradh agus a' tuiteam dhiubh sa Ghiblean. Is ann leotha a bhios iad a' sabaid ri daimh eile mu na fèidh bhoireann, na h-eilidean. Tha iad math air snàmh agus air falbh bho àite gu àite agus mar sin lorgar iad air eileanan beaga ach 's e daoine a thug a-steach iad a dh'eileanan, mar Pabaigh anns na Hearadh, ann an 1978. Bhàsaich na fèidh a bh' ann an Uibhist a Deas ach chaidh feadhainn eile a thoirt a-steach.

Tha e air aithris gun do dh'fhalbh damh a chaidh a thoirt a-steach dha na Hearadh sìos tro na h-eileanan gu ruige Barraigh a' lorg eilid a chòrdadh ris. Cha do lorg e sin agus thill e air ais gu tuath ach gu mì-fhortanach chaidh a mharbhadh nuair a bha e a' snàmh tarsainn air Caolas na Hearadh.