Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Ialtag

Ialtag

'S iongantach gu faca sibh ialtag bheò a-riamh. 'S e beathaichean oidhcheach a tha sna h-ialtagan ach chithear iad uaireannan air an fhionnaraigh. 'S e an ialtag-oidhche is cumanta sna h-Eileanan Siar agus 's i as lugha de na h-ialtagan a th' ann am Breatainn. Chan eil i ach mu 8cm a dh'fhaid agus mu 18cm de leud-sgèithe.

Bha iad rim faicinn ann an Steòrnabhagh air an fhionnaraigh mus deach seann thogalaichean mar an 'Cottage’ air Sràid na h-Eaglaise a leagail. 'S dòcha gu bheil beagan dhiubh ann fhathast oir chaidh tè a lorg faisg air Eaglais Naoimh Pheadair a bha a' bàsachadh an dèidh gèile. 'S dòcha gu bheil gu dearbh ‘ialtagan san tùr-chluig’ (bats in the belfry)!

'S ann faisg air an Abhainn Ghrìde agus timcheall air a' chaisteal as dualtaich dhut am faicinn an-diugh. 'S e cuileagan a bhios ialtagan ag ithe. Tha dòigh iongantach aca air an creach a lorg le a bhith a' leigeil a-mach sgiamh a bheir mac-talla air ais thuca. Le seo nì iad a-mach an astar a tha iad air falbh, an àirde sa bheil iad agus an cùrsa. Mar sin bha sònar aig na h-ialtagan fada mus do smaoinich daoine air aig àm a' chogaidh mu dheireadh.