Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Minc

Minc

Uaireannan tha e doirbh do dhaoine dealachadh a chur eadar mincean agus biastan-dubha ach tha biastan-dubha mòran nas motha, suas gu ceithir troighean. 'S ann ainneamh a chì thu minc nas fhaide na dà throigh a dh'fhaid.

Mar as tric 's ann ri taobh na mara a chithear an dà ainmhidh seo air taobh siar na h-Alba.Tha iad fìor mhath air snàmh agus gheibh iad pailteas èisg sa mhuir. Bidh iad a' dol suas aibhnichean cuideachd far am faigh iad easgannan agus iasgan eile. 'S e an easgann an t-iasg as fheàrr leis a' bhiast-dhubh.

Bha biastan-dubha sna h-eileanan a-cheana ach b' ann sna caogadan a chaidh mincean a thoirt a-steach. Fhuair mincean às bho thuathanais-mhinc ann an Leòdhas agus chithear iad a-nis air feadh Leòdhais agus na Hearadh. Chuir iad às do mhòran eòin a bhiodh a' neadachadh air an talamh. Tha strì air a dhèanamh airson an cumail à Uibhist agus à Beinn na Faoghla far am faodadh iad call mòr a dhèanamh air na h-iseanan bòidheach a chithear sna h-eileanan sin.

'S ann tron oidhche as dualtaich dhaibh a bhith a' tighinn am follais ach ma bhios tu foighidneach agus sàmhach dh'fhaodadh gu faiceadh tu biastan-dubha ag iasgach agus a' cluiche còmhla. Cha bhi na mincean a' cluich mar sin idir, oir chan eil dad air an aire ach a bhith a' marbhadh. Ma gheibh iad an cothrom marbhaidh iad gach isean ann an taigh-chearc oir tha tlachd aca ann a bhith a' marbhadh. Tha biastan-dubha air an dìon leis an lagh ach chan eil na mincean.