Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Radain agus luchainn

Radain agus Luchainn

Cha toigh le mòran dhaoine radain no luchainn ach tha radain mhath agus luchainn ghasta sna h-Eileanan Siar! ’S e radain-uisge a th’ air na radain mhath. Tha iad faisg air an aon mheud ris na radain-dhubha agus na radain-dhonn ach ’s ann ri taobh sruthain a bhios iad seo a’ fuireach. Tha iad math air snàmh agus ’s e lusan a-mhàin a bhios iad ag ithe. Chan eil iad a’ dèanamh call agus cha bu chòir dha duine am marbhadh.

’S e plàighean cunnartach a tha sna radain-dubha agus sna radain-donna oir tha iad dualtach a bhith a’ sgaoileadh ghalaran agus ag ithe uighean agus iseanan beaga. Mar sin bu chòir an fheadhainn sin a mharbhadh.

Anns na h-eileanan a deas tha famhalan-feòir rim faotainn. Tha i seo beag, dorch agus mu 15cm a dh’fhaid agus is gann gum faic thu na sùilean agus na cluasan aice leis na th’ oirre de bhian. ’S iad seo am biadh as fheàrr leis a’ chlamhan-chearc agus leis a’ chomhachag-chluasach agus ’s e sin as coireach nach eil na h-iseanan sin againn ann an Leòdhas no anns na Hearadh.

’S e feàrlagain a tha sna luchainn ghasta. ’S e sìol, freumhan agus meanbh-bhrìdean a bhios iad sin ag ithe. Tha iad mu 15cm a dh’fhaid. Uaireannan bidh iad a’ tighinn a-steach dha na taighean as t-foghar nuair nach eil biadh ri fhaotainn a-muigh. Bidh daoine a’ dèanamh iomrall eadar iad sin agus an luch-thaighe rom bheil gaoiriseachadh aig a h-uile duine. Tha na cluasan agus na h-earbaill aca nas lugha na an fheadhainn aig an luch-thaighe. Air an dùthaich, gu h-àraidh air a’ mhòinteach, tha beathaichean beaga coltach ri luchainn, le sròn bhiorach agus iad mu 10cm a dh’fhaid. ’S iad sin dallagan an fhraoich (pygmy shrews) agus bidh iseanan mar speireagan-ruadha gan ithe.