Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Ròin

Ròin

Tha dà sheòrsa ròn ann a bha a-ghnàth rim faicinn sna h-Eileanan Siar, an ròn cumanta agus an ròn glas. 'S e an ròn glas as cumanta sna h-eileanan ged is e as ainneamh a chithear ann an àitean eile. Aithnichear iad le am meud, le cumadh an cinn agus le an sròn ach feumar a bhith an ìre mhath faisg orra mus fhaic thu an sròn.

Mar as trice tha an ròn glas fireann còrr air trì meatairean a dh'fhaid agus an tè bhoireann mu dhà mheatair. Tha ise nas motha na an ròn cumanta nach eil a' ruighinn dà mheatair a dh'fhaid. Tha sròn Ròmanach air an ròn ghlas ach tha sròn an ròin chumanta coltach ri sròn coin. Tha cuinneanan an ròin chumanta coltach ri V aig a bonn ach chan eil cuinneanan an ròin ghlais. Bidh na ròin ghlasa a' sìolachadh air tìr ach tha an fheadhainn eile a' sìolachadh air sgeirean agus creagan. Mar sin tha mòran ròin ann an eileanan mar Rònaigh a Tuath, na h-Eileanan Flannach, Gascair, na h-Eileanan Monach, Shillay agus Causamul nuair a bhios iad a' sìolachadh as t-foghar.

Bha fear, Robert Atkinson, a' sgrùdadh chleachdaidhean nan ròn ghlasa ann an Shillay ann an Caolas na Hearadh agus sgrìobh e leabhar, ‘Shillay and the Seals’, a tha ag innse mòran mu na ròin seo.