Alexander Graham Bell
1847-1922
Ainmeil airson:
- Am fòn a chruthachadh
Fhuair Alexander Graham Bell cliù airson am fòn a chruthachadh. B’ e a’ bhliadhna ochd ceud deug seachdad ’s a sia, bha e fichead ’s a naoi bliadhna a dh’aois.
Ach cha robh Bell riaraichte leis an soirbheachas aige. Dh’fheuch e na smuaintean ùra aige a-mach tro bheatha, rannsachadh conaltradh còmhla ri gnìomhan eile saidheans.
Foghlam
Thug athair Alexander Graham Bell an foghlam dha aig an taigh nuair a bha e òg. An dèidh sin, lorg e àite eile foghlam ann an Àrd-sgoil Rìoghail ann Dùn Èideann. Dh’fhàg e an sgoil nuair a bha e còig bliadhna deug a dh’aois agus shiubhal e gu Lunnainn airson fuireach còmhla ri a sheanair airson bliadhna. B’ e luchd-cuideachaidh airson labhairt bha na sheanair, uncail agus athair, a’ sgrùdadh dhòighean bruidhinn mar dhreuchd. Mar seo b’ urrainn dhuibh tuigsinn gur e seo far an do thuit na h-ùidhean aig Bell. Ann an ochd ceud deug seasgad ’s a ceithir, thog Bell obair aig Acadamaidh Taigh Weston ann an Eilginn, Moireach mar ‘sgoilear–tidsear’ ciùil agus sgrùdadh dòighean bruidhinn. Bliadhna às dèidh sin bha e ag ionnsachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Imrich thall thairis
Dh’eilthirich Bell agus a phàrantan a Chanada às dèidh dha na dithis bhràithrean aige bàsachadh leis a’ chaitheamh.
Anns a’ Ghiblean ochd ceud deug seachdad ’s a h-aon ghluais e gu Boston airson a bhith na thidsear aig Sgoil Bhoston airson na Boidhre, a chaidh a stèidheachadh ann an ochd ceud deug seasgad ’s a naoi. Tha an sgoil fhathast fosgailte ach fon ainm Sgoil Horace Mann airson na Boidhre agus daoine le duilgheadasan claisneachd.
Adhartas Bell ann am Boston
Anns na làithean aig Alexander Graham Bell, bha Boston aithnichte mar baile airson nan sgoilearan a b’ fheàrr. Stèidhte an sin:
- Colaiste Harvard – a’ chiad àite de foghlam àrd ìre anns Na Stàitean Aonaichte
- An Acadamaidh Ameireaganach airson Ealain agus Saidheans
- Boston Athenaeum
- Comunn Eachdraidh Massachusetts
Ann an Ameireaga a Tuath b’ e adhbhar mòr airson toileachas a bh’ ann an cur-asteach den chiad loidhne telegraf sa Chuan Siar ann an ochd ceud deug seasgad ’s a sia. Thòisich luchd-saidheans agus luchd-gnìomhachais a’ faicinn cothroman ann an obair na fòn. Ann an ochd ceud deug seachdad ’s a dhà, fhuair Bell gluasad airson na deuchainn aig fhèin tòiseachadh, dh’fheuch e grunn siognailean a chur tro aon loidhne.
Innleachadh am fòn
Ann an ochd ceud deug seachdad ’s a còig, thog Alexander Graham Bell agus a neachchuideachaidh, Thomas Watson, a’ chiad fòn. Chruthaich e an companaidh ‘Companaidh Fòn Bell’ agus phòs e Mabel Hubbard dà bhliadhna an dèidh sin.
Coileanaidhean nas fhaide air adhart
B’ e Bell aon de na buill-stèidheachaidh den Chomunn Cruinn-eòlas Nàiseanta ann an ochd ceud deug ochdad ’s a h-ochd.
Bha e an còmhnaidh dèidheil air cluich le itealag. Dhealbhaich Bell seòrsa itealag ùr ann an naoi ceud deug ’s a dhà, stèidhte e air cumadh tetrahedral. Ann an naoi ceud deug ’s a naoi deug, chuir e fhèin agus Casey Baldwin sìos an clàr as luaithe airson a bhith siubhal air uisge le HD-4 hydrofoil aig 70.86 mgu.
Chaochail Alexander Graham Bell aig an oighreachd aige, Beinn Bhrèagha, ann an Eilean Ceap Bhreatainn air an dàrna latha den Lùnastal naoi ceud deug fichead ’s a dhà. Lean a bhean còig mìosan às a dhèidh.
An robh fhios agad?
Chuir Alexander Graham Bell an ainm meadhan aige a-steach nuair a bha e aon deug. B’ e ‘Greumach’ an sloinneadh aig caraid an teaghlaich.
B’ e Helen Keller aon de na sgoilearan as ainmeile aig Alexander Graham Bell. Nuair a thòisich e mar oide cha robh i ach na nighean òig nach b’ urrainn faicinn, cluinntinn no bruidhinn.
Alexander Graham Bell
Luchd a-nuas an goireas foghlam
Air a thogail bhon Thalla Cliù Saidheans aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba http://digital.nls.uk/scientists/biographies/index.html