Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

James Hutton

James Hutton

1726-1797

Ainmeil airson:

  • Eòlas-talmhainn a stèidheachadh mar fhìor shaidheans
  • Am ‘Bun-bheachd na Cruinne’ connspaideach aige a riaghailteachadh
  • Bun-bheachd mu uisge a leasachadh
  • A bhith mar a’ chiad duine a smaoinich gu robh an Talamh milleanan bliadhna a dh’ aois.

Tha an tuathanach agus an eòlaiche-nàdar James Hutton a’ faighinn creideas airson eòlas-talmhainn ùr-nodha a stèidheachadh. B’ e a’ chiad duine a cho-dhùin gu robh an Talamh na milleanan de bhliadhnachean a dh’ aois, agus bha Hutton a’ creidsinn gu bheil cumadh ar planaid a’ dol air adhart gu leantainneach.

Tràth-bhliadhnaichean

Rugadh James Hutton ann an Dùn Èideann ann an 1726. Chaidh e air adhart gu bhith a’ rannsachadh leigheasachd agus ceimigeachd aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus ann am Paris agus Leiden. Rinn e ceum ann an 1749.

Ann an 1750 thill e a Dhùn Èideann agus thòisich e a-rithist air deuchainnean ceimigeach le a charaid James Davie. Mar thoradh air an obair aca air cinneasachadh sal ammoniac – salann ri chleachdadh airson tiormachadh agus obair le umha agus staoin – bha a’ chom-pàirteachas aca soirbheachail. 

Saidheans eòlas-talmhainn

Ghluais Hutton gu Slighhouses, tuath teaghlaich air talamh ìosal, ann an 1750s. Chaith e 14 bliadhna a’ ruith an tuath. Thug seo ùidh dha anns an dòigh anns na dh’ atharraich an fhearann le feachdan gaoithe is uisge.

Ann an 1753 nochd Hutton ùidh ann an rannsachadh uachdar na talmhainn. Chaidh e air adhart gu bhith a’ cleachdadh a’ chuid eòlais saidheansail, comasan lèirsinn agus inntinn feallsanach airson a’ chuspair ùr-ainmichte ‘eòlas-talmhainn’.

Chaidh Hutton air turas eòlais-talmhainn gu taobh a-tuath na h-Alba le George Maxwell-Clerk ann an 1764. Chuir e na tuathan aige a-mach air màl gu màladairean ann an 1768 agus thill e a Dhùn Èideann. Eadar 1767 is 1774 bha e gu dlùth an sàs ann a bhith a’ togail Canàl an Thoirthe agus a’ Chluaidh.

Creagan is fosailean

Le bhith a’ siubhal ann am Breatainn agus thall thairis, a bharrachd air an ùine a chaith e ri obair tuatha ann an Siorrachd Bhearaig, fhuair Hutton cothrom a bhith a’ coimhead air diofar chreagan. Bha e air a bheò-ghlacadh le bhith a’ lorg sligean fosail gu h-àrd os cionn uachdar mara, agus ghabhadh e iongnadh mu fheartan eòlas-talmhainn eile.

Bha smuaintean Hutton an uairsin fo bhuaidh leughadh mu dheuchainnean Joseph Black le clach-aoil teasaichte, agus le dearbhadh cumhachd an teas a thaisbean einnseanan smùid James Watt.

Strì leis an Eaglais

Thòisich Hutton a’ beachdachadh air meadhan na Cruinne mar stòr mòr teas, far am biodh pròiseasan leantainneach a’ creachadh agus ag ath-leasachadh chreagan. Stiùir sin e gu bhith a’ creidsinn gu robh an Talamh na milleanan de bhliadhnaichean a dh’ aois. Stiùir sin e cuideachd gu bhith a’ strì leis an Eaglais, a bha ag agairt nach robh an Talamh ach timcheall air 6,000 bliadhna a dh’ aois.

Lorg Hutton fianais gus taic a thoirt don bhun-bheachd aige ann an sreathan de chreag is chlach-gainmhich aig Siccar Point ann an Siorrachd Bhearaig. Chaidh a dhearbhadh às deidh làimh gu robh a’ bhun-bheachd aige mu aois na Talmhainn fìor.

Na bliadhnaichean a lean

Ann an 1785 thaisbean Hutton na co-dhùnaidhean aige do Chomann Rìoghail Dhùn Èideann a bha air an ùr-stèidheachadh. Bhàsaich e air 26 Màrt 1797 agus chaidh a thiodhlaiceadh ann an Cladh Nam Manach Liath an Dùn Èideann.

An ceann còig bliadhna bho bhàs Hutton, dh’ fhoillsich an eòlaiche matamataig John Playfair an leabhar ‘Illustrations of the Huttonian Theory of the Earth’. Anns an iom-leabhar seo bha geàrr-chunntas den ‘Bhun-bheachd na Talmhainn’ aig Hutton an còis mòran dhealbhan agus argumaidean a bharrachd.

An robh fhios agad?

Anns an leabhar ainmeil aige ‘Principles of Geology’ thuirt Charles Lyell gur e bunait an eòlas-talmhainn ùr-nodha a bha ann am beachdan James Hutton.

Air a thogail bhon Thalla Cliù Saidheans aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba http://digital.nls.uk/scientists/biographies/index.html