John Logie Baird
1888-1946
Ainmeil airson:
- A’ chiad telebhisean a bha ag obair innleachdadh
- Leasachadh a’ leantainn de thelebhisean dathte is dà-fhuaimneach.
Bha John Logie Baird na innleadair agus na innleachdaiche. Aithnichte mar ‘Athair an Telebhisean’, tha e fìor ainmeil airson gur e a’ chiad duine a thaisbean telebhisean a bha ag obair.
Innleachdais
Rugadh e ann am Baile Eilidh air taobh an iar na h-Alba, agus b’ e John an ceathramh leanabh agus am fear a b’ òige a bh’ aig an t-Urr. John agus Jessie Baird.
Nochd e comharran iol-ghnìomhach aig ìre thràth le bhith a’ suidheachadh uidheamachd iomlaid fòn gus an taigh aige a cheangal ri taigh charaidean a bha faisg air làimh. Nochd e a’ chiad ùidh aige ann an telebhisean ann an 1903 às deidh dha leabhar Gearmailteach a leughadh mu chomasan dealbh-dealanach selenium.
Obair aig àm cogaidh
Cheumnaich Baird bho Cholaisde Teicnigeach Rìoghail ann an Glaschu – ris an canar a-nis Oilthigh Srath Chluaidh – beagan ùine às deidh don Chiad Chogadh briseadh a-mach.
Mar thoradh air fìor dhroch thinneas, a bha gu bhith ga phlàigheadh fad a bheatha, cha deach gabhail ris ann an seirbheis an airm. Airson ùine ghoirid bha e ag obair airson Companaidh Cumhachd Dealain Bealach Chluaidh, mus do thòisich e air gnìomhachas beag a bha a’ saothrachadh agus a’ margaidheachd socais a b’ urrainn uisge a shùghadh. Cho-dhùin e an uairsin gluasad thall thairis.
Beatha ann an Trinidad
Sheòl Baird gu Port of Spain, Trinidad san t-Samhain 1919.
Nuair a dh’ aithnich e gu robh an eilean a’ taomadh le measan searbh is siùcair, stèidhich e factaraidh silidh.
Gu mì-fhortanach bhiodh na daolagan ionadail aon chuid a’ goid an t-siùcair no a’ tuiteam a-steach do na tubaichean teth den t-silidh goileach.
Deuchainnean le telebhisean
Thill Baird gu Breatainn san t-Sultain 1920, agus às deidh greiseag ghoird ann an gnìomhachas an Lunnainn, thòisich e air deuchainnean le telebhisean.
Ann an Hastings ann an 1924 sgaoil e ìomhaigh de chrois Mhaltach thairis air astar 10 troighean.
B’ ann an 1925 a thaisbean Baird telebhisean gu poblach airson a’ chiad uair, ann am bùth Selfridge an Lunnainn.
Fhuair e air adhart gu mòr san Dàmhair 1925 nuair a choilean Baird dealbhan telebhisean le solas is fasgadh (leth thònaichean), gan dèanamh mòran nas soilleire.
Thaisbean e iad sin do bhuill den Institiud Rìoghail air aoigheachd san Fhaoilleach 1926. Cha robh na dealbhan ach dìreach 3.5 x 2 eòrlach.
Sgaoilidhean a’ BhBC
Ann an 1928 chuir Baird dealbhan telebhisean bho Lunnainn gu New York a’ cleachdadh rèidio tonn-ghoirid. Thaisbean e telebhisean ann an dath cuideachd, agus leasaich e siostam clàraidh bhidio don tug e an t-ainm ‘phonovision’.
Ann an 1929 chuir Companaidh Craolaidh Bhreatainn (BBC) craolaidhean telebhisean deuchainneach a-mach. Aig an toiseach thàinig air Baird am BBC a phàigheadh airson na h-ìomhaighean aige a sgaoileadh. Ann an 1930 thug companaidh Baird a’ chiad seata telebhisean a chaidh a chinneasachadh air feadh an t-saoghail a-mach, leis an t-ainm ‘The Televisor’.
Thòisich am BBC a’ cleachdadh an t-siostam aige airson a’ chiad seirbheis telebhisean poblach ann an 1932, mus do ghluais iad ann an 1937 chun dreach aig Marconi-EMI. Anns an Iuchar 1937 thug Comann Rìoghail Dhùn Èideann duais Comhaltachd Urramach dha Baird.
Telebhisean dathte is 3D
Aig aois 43, phòs John Logie Baird an cluicheadair piana Margaret Albu à Afraga a-Deas ann an New York. Bha dithis chloinne aig a’ chupall – Diana agus Malcolm.
Tron Dàrna Cogadh, lean Baird air adhart a’ maoineachadh a chuid rannsachadh leis fhèin. Thug na coileanaidhean aige a-steach telebhisean dathe làn-shoilleireireachd agus 3D, agus siostam airson a bhith a’ cuir air adhart theachdaireachdan glè luath mar ìomhaighean telebhisean.
Bhàsaich Baird aig an taigh ann am Bexhill-on-Sea air 14 Ògmhios 1946, agus chaidh a thiodhlaiceadh ann am Baile Eilidh.
An robh fios agad?
Fhad ‘s a bha e a’ fuireach ann an Trinidad, ghlac John Logie Baird agus caraid dhà locast fìor mhòr anns a’ bhungalo aca. Chum iad e ann an cèidse eòin agus thug iad feur, uisge-beatha agus sòda dha ri ithe.
John Logie Baird
Luchd a-nuas an goireas foghlam
Air a thogail bhon Thalla Cliù Saidheans aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba http://digital.nls.uk/scientists/biographies/index.html