Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

John Napier

John Napier

1555-1617

Ainmeil airson:

  • Innleachadh logarithms
  • A’ toirt a’ phuing deicheach air adhart mar chleachdadh cumanta
  • Innleachadh inneal tomhais gluasadach – ‘Napier’s bones’.

Bha Napier na fhear a bha air leth buadhach anns an 17 linn. Tha e air fhaicinn gu farsaing mar a’ chiad Albannach a chuir gu mòr ri ionnsachadh saidheansail.

Choisinn e spèis bho eòlaichean matamataig agus luchd-saidheans air feadh an t-saoghail, gu sònraichte Galileo, Johannes Kepler agus Isaac Newton.

Dh’ innlich Napier logarithms ann an 1614. Leig an dòigh ùr seo air cunntadh le daoine a bhith a’ faighinn fuasgladh air duilgheadasan àireamhachd fada, trom, mòran nas luaithe agus nas fhasa. Bha e gu sònraichte feumail ann an seòladaireachd agus reuladaireachd.

Chleachd sgoiltean agus àiteachan-obrach san fharsaingeachd atharrachaidhean de bhùird logarithm Napier suas gu na 1970n, nuair a thàinig àireamhairean dealanach pòcaid nas motha gu bhith air an cleachdadh.

Rannsachadh san Roinn Eòrpa

Rugadh John Napier a-steach do theaghlach beairteach agus socharach aig Merchiston, Dùn Èideann. Chaith e beagan ùine aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Timcheall air 1564, dh’ fhàg e airson rannsachadh a dhèanamh san Roinn Eòrpa, às deidh comhairle fhaighinn bho uncail, Easbuig Arcaibh.

A bharrachd air gu robh fìor ùidh aige ann am matamataig, bha ùidh aig Napier ann an teacsaichean creideimh. Bha seo a’ ciallachadh gum feumadh e Grèigeis a sgrùdadh, rud nach robh ga theagaisg gu farsaing san Roinn Eòrpa aig an àm sin. Bha sgoilearan Grèigeach ann am Basel no Geneva, agus mar sin dh’ fhaodadh gun rinn e rannsachadh an sin.

Iomraiteach aig an taigh agus thall thairis

Mus do thill e a dh’ Alba ann an 1571, bha Napier na fhìor eòlaiche matamataig, agus bha e cuideachd fileanta anns gach cuid Laideann agus Grèigeis.

Phòs e agus chaidh e a dh’ fhuireach aig oighreachd a theaghlaich ann an Gartness, Siorrachd Shruighlea. An sin bha e a’ fuireach mar aonaran, agus e a’ caitheamh a’ mhòr-chuid de dh’ uine a’ rannsachadh matamataig. Bha muinntir na sgìre a’ meas seo rudeigin neònach, agus chreid iad gur e fiosaiche a bh’ ann.

Bha e gu mòr an aghaidh na h-Eaglais Chaitligich, agus dh’ fhoillsich e pàipear-càinidh leis an t-ainm ‘A plaine discovery of the whole Revelation of St John’. Thog seo mòran ùidh agus dh’ fhàg sin e gu robh e ainmeil aig an taigh agus thall thairis.

Bhàsaich a’ chiad bhean aig Napier, Elizabeth, ann an 1579. Beagan bhliadhnaichean às deidh sin phòs e Agnes Chisholm agus chaidh iad air adhart gu bhith a’ togail teaghlach mòr.

Logarithms agus innealan eile

Dh’ fhaodadh obrachaidhean àireamhachd a bhith gu math fada agus dòrainneach anns an 16mh linn, gan dèanamh nan dreuchd neo-tharraingeach. Rùnaich Napier gun dèanadh e iad nas sìmplidh.

Ann an 1614 dh’ fhoillsich e obair leis an t-ainm ‘Mirifici logarithmorum canonis descriptio’. Ann an sin mhìnich e prionnsapalan logarithms, a dh’ ainmich e mar ‘àireamhan fuadain’. Chuirear luach air an obair seo anns a’ bhad agus mhol co-eòlaichean matamataig agus cuid eile e.

Taobh ri taobh nan logarithms, dh’ innlich Napier grunn innealan gluasadach airson an cleachdadh mar àireamhairean. Is e am fear den fheadhainn sin as fheàrr as aithne dhuinn seata de shlatan ris an canar ‘Napier’s Bones’.

Tha Napier cuideachd ainmeil airson a’ phuing deicheach a thoirt air adhart mar chleachdadh cumanta. Ged a bhathas ga chleachdadh ann am matamataig ron àm seo, cha robhas ga chleachdadh san fharsaingeachd.

Buill-airm cogaidh

An aghaidh bagairt ionnsaigh bhon Chabhlachd Spàinneach, dhealbhaich Napier grunn bhuill-airm cogaidh. Nam measg bha sgàthan losgach a b’ urrainn eathraichean an nàmhaid a sgrios.

Beagan bhliadhnaichean mus do bhàsaich e, ghluais Napier air ais gu Caisteal Merchiston ann an Edinburgh, far an robhas eòlach air mar ‘Marvellous Merchiston’. Bhàsaich e ann an 1617.

An robh fios agad?

Chaidh ainm John Napier a thoirt don chuas gealaich Neper, a tha 85 mìle farsaing.

Bha athair Napier na phàrant deugaire. Cha robh e ach timcheall air 16 bliadhna nuair rugadh John.

Air a thogail bhon Thalla Cliù Saidheans aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba http://digital.nls.uk/scientists/biographies/index.html