Fios:
Anns a’ Mhàrt 2013 chaidh feasgar sònraichte a chur air dòigh aig Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. An làthair bha grunn dhaoine a tha an sàs ann an diofar dhreuchdan taobh a-staigh saoghal na Gàidhlig. Bha cothrom aig na sgoilearan faighinn a-mach mu na diofar cosnaidhean far a bheil Gàidhlig na bhuannachd agus mu na cothroman a tha an cois dà-chànanas. An-seo faodar sùil air gach neach a bha a’ bruidhinn aig an tachartas. Bidh na bhidiothan seo feumail do sgoilearan a tha a' suidhe dheuchainnean N4 agus N5.