Skip to main content

Buannachdan Dà-chànanas

a craft table with various pens and pencils

Beurla

Faic an duileag seo 'sa Bheurls

English

Buannachdan Eanchainn:

Tha buannachdan anns an dòigh anns a bheil thu a’ smaoineachadh an cois dà-chànanas. Tha co-dhiù dà fhacal airson gach beachd-smuain agus rud a chìthear. Mar sin, tha e comasach do neach dà-chànanach smaoineachadh ann an dòigh chruthachail agus a bhith nas sùbailte nan cuid smuaintean. Tha daoine a tha fileanta ann am barrachd air aon chànan mothachail air dè an cànan bu chòir labhairt ri cò ann an diofar shuidheachaidhean. Le sin, tha mothachas nas làidire aca ann a bhith ag èisteachd na daoine a tha fileanta ann an aon chànan a-mhàin. Tha e a’ cur ri leasachadh eanchainn a bhith dà-chànanach. Tha an rannsachadh as ùire cuideachd air dearbhadh gu bheil luchd dà-chànanach nas soirbheachail ann an deuchainnean IQ na daoine aig a bheil dìreach aon chànan.

Buannachdan Charactar:

Tha e comasach do dhaoine dà-chànanach a bhith a’ gluasad bho aon chànan gu cànan eile gu siubhlach. Tha seo a’ toirt buaidh air fèin-mheas mhic an duine. Tha e cuideachd a’ cruthachadh ceangal cumhachdach ri daoine eadar-dhealaichte ann an dùthchannan eadar-dhealaichte.

Buannachdan Conaltraidh:

Tha e comasach do dhaoine dà-chànanach tuigse agus toileachas fhaighinn bho litreachas ann an diofar chànain. Tha seo a’ toirt eòlas domhainn air beachd-smuaintean agus traidiseanan eadar-dhealaichte. Tha an toileachas a gheibhear bho bhith a’ leughadh bàrdachd, nobhailean agus irisean, a thuilleadh air a bhith a’ sgrìobhadh gu teaghlach agus caraidean, air a dhùblachadh airson luchd dà-chànanach.

Buannachdan Chultarail:

Tha dà-chànanas a’ tairgsinn slighe a-steach gu cultaran eadar-dhealaichte Tha eòlas air cànanan a’ tabhann dìleab phrìseil de ghnathasan cainnte, seanfhacail, eachdraidh, sgeulachdan, ceòl, litreachas agus bàrdachd. Tha eòlas air diofar chultaran a’ ciallachadh gu bheil daoine nas fhosgailte ri nithean eadar-dhealaichte a thaobh creideamh agus chleachdaidhean.

Buannachdan Cosnaidh:

Tha dà-chànanas a’ tabhann iomadach diofar chothroman do dhaoine a thaobh chosnaidhean. Tha cothroman ann mòran obraichean fhaighinn ann an diofar raointean. Faodar cosnaidhean math fhaighinn ann an raointean leithid bhùthain, còmhdhail, turasachd, rianachd, obair rùnaire, conaltraidh, margaidheachd agus bancaireachd, cunntasachd, eadar-theangachadh, lagh agus teagasg.