Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Lauren MacAulay

Lauren MacAulay

Tha nighean Lauren NicAmhlaigh ann an GM3

Lauren MacAulay's Daughter is in GM3

Lauren MacAulay, who is currently on maternity leave, is the English Playleader at Sgoil nan Loch’s English nursery.  Her daughter, Bethany, is currently in GM3 at Sgoil nan Loch and Lauren explains why she made the decision for Bethany to enter into Gaelic Medium Education:

“Having worked alongside the Sgoil Àraich, I became aware of the many benefits associated with Gaelic Medium Education.  I could see those who entered GM1 becoming bilingual very quickly and it was an easy decision to enter Bethany in GME.  My partner is a Gaelic speaker, but I am not, but any worries I initially had about not being able to support Bethany at home disappeared as soon as she started school.  The support from her teacher and the valuable resources which parents have access to made it very easy.  I am now looking forward to baby Madison entering GME when she goes to school and I know that Bethany will be on hand to assist with homework!

I now see Bethany using it outwith the school setting and can often hear her doing role play with her dolls in Gaelic.  Bethany recently earned first place at the local Mod in the P1-3 solo singing competition and she has gained so many skills and increased in confidence.  I can see how being fluent in two languages is a valuable asset and will give Bethany and Madison added advantages and opportunities as they progress through school”

Tha Lauren NicAmhlaigh, a tha an-dràsta air fòrladh màthaireil, os cionn na Sgoil Àraich Bheurla aig Sgoil nan Loch.  Tha an nighean aice, Bethany, a-nis ann an GM3 aig Sgoil nan Loch.  Tha Lauren a’ mìneachadh dhuinn carson a roghnaich iad, mar theaghlach, foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson Bethany.

“Tro bhith ag obair gu math dlùth ris an Sgoil Àraich Ghàidhlig, thòisich mi a’ fàs mothachail air na buannachdan a tha an cois foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  Bha mi a’ faicinn nan sgoilearan a’ fàs dà-chànanach gu math luath agus ’s e taghadh gu math furasta a bha ann dhuinn.  Ged a tha Gàidhlig aig mo chèile, chan eil mise fileanta idir agus bha beagan do dh’ iomagain orm ciamar a chumainn taic ri Bethany aig an taigh.  Cha do sheas sin fada idir oir nuair a thòisich i san sgoil thuig mi an taic a tha ann.  Tha an taic bhon tidsear agus na goireasan sgoinneil a tha rim faighinn air a bhith air leth feumail dhuinn agus rinn sin cùisean gu math furasta.  Tha mi a-nis a’ coimhead air adhart ri bèibidh Madison a’ dol dhan sgoil agus tha làn fhios agam gum bi Bethany ann airson taic a thoirt seachad le obair-dachaigh!

Tha mi a-nis a’ cluinntinn Bethany ga cleachdadh air taobh a-muigh na sgoile agus tric cluinnear i a’ cluich le na dollaichean aice anns a’ Ghàidhlig.  Bhuannaich i a’ chiad àite airson seinn aig a’ Mhòd Ionadail agus tha i air mòran sgilean ionnsachadh agus a’ fàs gu math misneachail. Tuigidh mi agus chì mi gu bheil iomadach buannachd ann a bhith fileanta air barrrachd air aon chànan agus bidh mòran chothroman a bharrachd aig Bethany agus Madison mar a ghluaiseas iad tron sgoil”.