Sgoiltean agus Buidhnean Òigridh nan Eilean Siar air an Deagh Riochdachadh aig FilmG
Western Isles Schools and Youth Groups Shine with Nominations at FilmG17
The prestigious FilmG competition has announced this year's nominations, highlighting the exceptional talent and creativity of local schools and youth groups.
Among the standouts, Gairloch High School, Sgoil an Taobh Siar, and Portree Secondary School each received double nominations, highlighting the dedication and passion of their young filmmakers. Impressively, the Comunn na Gàidhlig group from Harris leads with three nominations with their comedic take on the hit TV show "The Voice."
Those shortlisted from the Western Isles in the under 18 competitions are as follows:
Best Documentary
• Na fònaichean tha sin..! Tràilleachd nam Fònaichean – Sgoil Lìonacleit
• FORSAN – Rosa O’Halloran
Best Comedy
• Dè nì sinn? – Sgoil an Taobh Siar
• An Guth – CnaG Na Hearadh
Best Youth Group
• Muncaidh Bhreascleit – Sgoil Bhreascleit
• An Guth – CnaG Na Hearadh
Power of Gaelic Award
• Nuair a bha mi Òg – Sgoil Uibhist a Tuath
• Am Plana Gaoideach – Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
• Dè nì sinn? – Sgoil an Taobh Siar
Best Performance
• Emily King – An Guth
The films cover a range of topics and styles, from compelling documentaries to innovative performances and storytelling that highlight the power and vibrancy of Gaelic language and culture.
Cllr Paul Finnegan, Chair of Comhairle nan Eilean Siar’s Education, Sport and Children’s Services Committee, said: “They have all done exceptionally well to reach this stage of the competition. This is further evidence of the praiseworthy work which is taking place in our schools and communities. A huge amount of effort went into making the films and I wish every school, pupil and group the very best of luck”.
The winners will be revealed at the FilmG Awards Ceremony in the SEC in Glasgow on Friday the 7th of March 2025.
Sgoiltean agus Buidhnean Òigridh nan Eilean Siar air an Deagh Riochdachadh aig FilmG.
Tha FilmG air na geàrr-liostaichean aca fhoillseachadh airson farpais na bliadhna-sa, a’ cur cuideam air an tàlant air leth a tha am measg sgoiltean is buidhnean òigridh ionadail.
Am measg nan sàr-thagraichean, tha Àrd-sgoil Gheàrrloch, Sgoil an Taobh Siar agus Àrd-sgoil Phort Rìgh air an ainmneachadh air a’ gheàrr-liosta ann an dà dhiofar roinn, a’ sealltainn cho dealasach agus dìcheallach ’s a tha fiolmaidearan òga anns na sgìrean sin. Gu sònraichte, tha buidheann Chomunn na Gàidhlig às Na Hearadh air a’ gheàrr liosta ann an trì roinnean leis an dreach èibhinn a chuir iad air an t-sreath telebhisein ainmeil “The Voice”.
Seo na buidhnean, sgoiltean agus sgoilearan a tha air a’ gheàrr-liosta às na h-Eileanan an Iar (fo aois 18):
Film Aithriseach as Fheàrr (Best Documentary)
• Na fònaichean tha sin..! Tràilleachd nam Fònaichean – Sgoil Lìonacleit
• FORSAN – Rosa O’Halloran
Comadaidh as Fheàrr (Best Comedy)
• Dè nì sinn? – Sgoil an Taobh Siar
• An Guth – CnaG Na Hearadh
Sgioba Òg as Fheàrr (Best Youth Group)
• Muncaidh Bhreascleit – Sgoil Bhreascleit
• An Guth – CnaG Na Hearadh
Cumhachd na Gàidhlig (Power of Gaelic Award)
• Nuair a bha mi Òg – Sgoil Uibhist a Tuath
• Am Plana Gaoideach – Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
• Dè nì sinn? – Sgoil an Taobh Siar
Cluich as Fheàrr (Best Performance)
• Emily King – An Guth
Thuirt an Comhairliche Pòl Finnegan, Cathraiche Comataidh Foghlaim, Spòrs agus Sheirbheisean Chloinne aig Comhairle nan Eilean Siar:
“Tha iad uile air a bhith air leth soirbheachail a bhith a’ ruighinn an ìre seo den chò-fharpais. Tha seo a-rithist a’ dearbhadh an obair ionmholta a tha a’ dol air adhart anns na sgoiltean agus na coimhearsnachdan againn. Chaidh oidhirp mhòr a-steach gus na filmichean seo a thoirt gu buil agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do gach sgoil, sgoilear agus buidheann.”
Thèid an fheadhainn a bhuannaich ainmeachadh aig Cuirm Duaisean FilmG aig an SEC ann an Glaschu air Dihaoine 7mh den Mhàrt 2025. Faodaidh sibh coimhead air na filmichean uile aig www.filmg.co.uk.