Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

30.09.24

Deasbad 2024 A’ Tilleadh Le Prìomh Bhiuidheann Taice Ùr

Tha Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig air leth toilichte ainmeachadh prìomh bhuidheann taice ùr airson farpais 2024.

Deasbad 2024 Returns With New Major Sponsor

The Management Committee of the National Gaelic Schools Debating competition is delighted to announce a new major sponsor for the 2024 competition.

The proposed Spiorad na Mara offshore wind farm project, will act as the lead sponsor for Deasbad 2024.

The funding which has been secured from Spiorad na Mara will allow the 2024 competition to take place on what will be the 25th anniversary of the prestigious competition.  The first two rounds will take place at An Lanntair in Stornoway on the 5th and 6th of November 2024.

Tanya Davies, Project Director of Spiorad na Mara, said: 

“We are delighted to sponsor this excellent initiative for the first time.  We were hugely impressed with how this competition has evolved and developed over many years and is now seen as a highlight in the secondary academic calendar. We understand and appreciate that Gaelic is a crucial element of Scottish heritage, and we are proud to show our support to events that give young people the ability to develop their Gaelic skills.” 

Evelyn Coull Macleod, Chairperson of an Deasbad Nàiseanta’s Management Committee, commented: 

“We are delighted to be back together organising the 2024 Deasbad.  We would particularly like to thank Spiorad na Mara for their support.  In ever challenging times and funding becoming increasingly difficult to source, along with rising costs of hosting events such as these, we have been provided a lifeline for the 2024 competition. We would also like to thank the following groups for providing continued funding and support this year:  The Scottish Government,  Comhairle nan Eilean Siar, Education Scotland, Highland Council, Skills Development Scotland, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, BBC Gaelic Broadcasting, Glasgow City Council and Bòrd na Gàidhlig”.

The four teams with the overall highest marks will progress to the semi-finals that will take place in Edinburgh on Wednesday 27th and Thursday 28th of November.  The final will once again take place at the Scottish Parliament. The committee welcomes back judges Joy Dunlop, Angus Maclennan and Iain MacAulay. The platform gives participants a unique opportunity to develop and showcase their language and debating skills amongst their peers, Gaelic development agencies and members of the Scottish Parliament.  

Further information on the first two rounds will be released soon.

Bidh Spiorad na Mara, pròiseact tuath-ghaoithe far-chosta, na phrìomh bhuidheann-urrais airson Deasbad 2024.

Tha Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean Gàidhlig air leth toilichte ainmeachadh prìomh bhuidheann taice ùr airson farpais 2024.  Bidh Spiorad na Mara, pròiseact tuath-ghaoithe far-chosta, na phrìomh bhuidheann-urrais airson Deasbad 2024.

Tron mhaoineachadh a fhuairear bho Spiorad na Mara, bidh e comasach farpais 2024 a chumail, agus a’ Chomataidh a’ comharrachadh còig blìadhna fichead on a ghabh a’ chiad fharpais àite.  Bidh a’ chiad dà chuairt den fharpais a’ gabhail àite anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh air an 5mh agus 6mh Samhain 2024.

Thuirt Tanya Davies, Stiùiriche Pròiseict aig Spiorad na Mara: 

“Tha sinn air leth toilichte taic-airgid a chur ris an iomairt sàr-mhath seo airson a’ chiad uair. Chòrd e gu mòr rinn leis mar a tha an fharpais seo air a thighinn air adhart agus air a leasachadh thar grunn bhliadhnaichean, is i a-nis na pàirt cudromach de chlàr-ama nan Àrd-sgoiltean. Tha sinn a’ tuigse gu mòr gu bheil Gàidhlig na pàirt air leth cudromach de dhualchas na h-Alba, agus tha sinn moiteil ar taic a chur ri tachartasan a bheireas cothrom do dhaoine òga an sgilean Gàidhlig a leasachadh.”

Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Neach-cathrach Comataidh Stiùiridh Deasbad Nàiseanta: 

“Tha sinn air leth toilichte a bhith air ais còmhla a’ cur Deasbad 2024 air dòigh. Tha sinn gu sònraichte airson taing a thoirt do Spiorad na Mara airson na taice a tha iad a’ toirt dhuinn. Aig àm dùbhlanach, is e air fàs nas duiliche taic-airgid a lorg, le cosgaisean airson tachartasan mar seo ag èirigh fad na h-ùine, tha sinn air an taic fhaighinn a leigeas leinn farpais 2024 a chur air dòigh. Tha sinn cuideachd airson taing a thoirt dha na buidhnean a leanas airson a’ mhaoineachaidh is na taice a thug iad dhuinn a-rithist am bliadhna-sa: Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Foghlam Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, craoladh Gàidhlig BBC, Comhairle Baile Ghlaschu agus Bòrd na Gàidhlig”.

Thèid na ceithir sgiobaidhean leis na comharraidhean as àirde troimh gu na h-iar-chuairtean dheireannach a bhios ann an Dùn Èideann air Diciadain 27mh agus Diardaoin 28mh den t-Samhain. Bidh a’ chuairt dheireannach a-rithist a’ gabhail àite ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha a’ Chomataidh a-rithist a’ cur fàilte air Joy Dunlop, Aonghas Mac ‘Illinnein agus Iain MacAmhlaigh mar bhreitheamhan na farpaise. Tha an fharpais a’ toirt cothrom air leth dhan fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt an sgilean cànain agus deasbaid a shealltainn dha na comhaoisean aca, do bhuidhnean leasachadh na Gàidhlig agus do Bhuill Pàrlamaid na h-Alba.

Gheibhear fiosrachadh mun a’ chiad dà chuairt den fharpais a dh’aithghearr.