Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

27.01.2025

Leabhar Didseatach Ùr De Dh’òrain Gàidhlig Airson Sgoilearan Tràth-Bhliadhnaichean Ga Chur Air Bhog

Tha Roinn an Fhoghlaim agus Sheirbheisean Chloinne Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte leabhar ùr didseatach de dh’òrain Ghàidhlig a chur air bhog, a chaidh a leasachadh agus fheuchainn ann an Ionad Cùram Chloinne Steòrnabhaigh. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Fiona NicLeòid, Manaidsear Ionad Cùram Chloinne Steòrnabhaigh, agus Màiri NicNèill, Neach-cleachdaidh Tràth-bhliadhnaichean.

LAUNCH OF NEW DIGITAL SONG BOOK FOR GAELIC EARLY YEARS SETTINGS

The Department of Education and Children’s Services of Comhairle nan Eilean Siar are delighted announce the launch of a new digital book of Gaelic songs which was developed and trialled at Stornoway Child Care Centre. The book was created by Fiona MacLeod, Manager of the Child Care Centre and Mairi MacNeil, Early Years Practitioner.

Fiona MacLeod commented:

“We are delighted with the end result. The children are learning Gaelic songs linked to Makaton based signs. We are thankful for the support given by Dolly MacDonald with Makaton. Colourful sound buttons with Gaelic phrases are accessible in the room for the children to press and hear. The staff team have been supported to learn Gaelic at their own level and now feel confident sharing Gaelic stories and songs. The support for the project has been fantastic and it’s been great to see some parents also getting involved in the development and recordings for this new resource”.

Hannah Gillies, Literacy and Numeracy Support Worker at Comhairle nan Eilean Siar and Elaine Poke, Early Years Curriculum Teacher, have supported this project and are delighted to hear how the practitioners and children have embraced the Gaelic language. Current research shows the brain connections being made in the very early years of a child’s life have an impact on their childhood development. The benefits of bilingualism and learning two languages are also evident in research.

Elaine Poke, further added:

“Hearing the children singing, signing and using Gaelic phrases at such a young age is excellent. The practitioners involved in this project had varying levels of Gaelic, including complete beginners. Collective Gaelic learning is a powerful tool. A welcoming, Gaelic ethos is in place in Stornoway Childcare Centre and embedded into daily interactions and it is wonderful to see everyone fully engaged in this project”.

The collaborative efforts of the Comhairle’s Multimedia Unit and Early Years Department have created a lasting legacy resource. This digital book will be of great use to early years settings across the Western Isles, but it is anticipated to be welcomed at national level. The digital book can be found at the following link: http://tiny.cc/hb57001

Thuirt Fiona NicLeòid:

“Tha sinn air ar dòigh leis mar a dh’obraich cùisean. Tha a’ chlann ag ionnsachadh òrain Gàidhlig, ceangailte ri soidhnichean Makaton. Tha sinn airson taing a thoirt do Dholly NicDhòmhaill airson taic le Makaton. Tha putanan fuaim dathach ann as urrainn dhan chloinn a bhrùthadh gus abairtean Gàidhlig a chluinntinn san t-seòmar. Tha sgioba luchd-obrach air taic fhaighinn gus Gàidhlig ionnsachadh aig astar a tha freagarrach dhaibhsan agus tha iad a’ faireachdainn misneachail a-nis ann a bhith ag innse sgeulachdan agus a’ seinn òrain Gàidhlig. Tha an taic a fhuair am pròiseact air a bhith air leth, agus tha e air a bhith sònraichte math fhaichinn mar a tha cuid de phàrantan air a bhith an sàs ann an leasachadh a’ ghoireis ùire seo agus na clàraidhean a chaidh a dhèanamh air a shon.”

Tha Hannah NicIllIosa, Neach-obrach Taic Litearrachd is Àireamhachd ann an Comhairle nan Eilean Siar, agus Elaine Poke, Neach-teagaisg Curraicealam Thràth-

bhliadhnaichean, air taic a chur ris a’ phròiseact seo agus tha iad air leth toilichte mun dòigh ’s a tha luchd-cleachdaidh is clann a’ cleachdadh na Gàidhlig gu dealasach. Tha rannsachadh a’ sealltainn mar a bhios na ceanglaichean eanchainne a thèid an cruthachadh sna bliadhnaichean as tràithe ann am beatha leanabhan a’ toirt buaidh air leasachadh chloinne. Tha an rannsachadh cuideachd a’ sealltainn mar a tha buannachdan an lùib dà-chànanas agus a bhith ag ionnsachadh dà chànan.

Thuirt Elaine Poke cuideachd:

“Tha e sònraichte math a bhith a’ cluinntinn na cloinne a’ seinn, a’ soidhnigeadh agus a’ cleachdadh abairtean Gàidhlig aig aois cho òg. Bha measgachadh de chomasan Gàidhlig am measg an luchd-cleachdaidh, a’ gabhail a-steach luchd-tòiseachaidh. Tha ionnsachadh na Gàidhlig còmhla na dhòigh ionnsachaidh air leth èifeachadh. Tha feallsanachd chàirdeil, Ghàidhlig ann an Ionad Cùram Chloinne Steòrnabhaigh a tha air a leabachadh ann an conaltradh làitheil an sin, agus tha e iongantach mar a tha a h-uile duine air a bhith an sàs gu tur sa phròiseact seo.”

Tha oidhirpean co-obrachail Aonad Ioma-mheadhain na Comhairle agus Roinn nan Tràth-bhliadhnaichean air goireas maireannach a chruthachadh. Bidh an leabhar didseatach seo gu math feumail do shuidheachaidhean tràth-bhliadhnaichean air feadh nan Eilean Siar, ach thathar an dùil gum bi fàilte air cuideachd aig ìre nàiseanta. Gheibhear an leabhar didseatach aig a’ cheangal a leanas:

http://tiny.cc/hb57001