An Deigh
An Deigh
Tha an deigh air an lòn a’ dìosgail gun sgur,
cuiridh mi mo bhròg sìos air a muin.
Tha i mar uinneag a bhriseas fom bhròig,
tha i mar rionnag le mìle spòig.
Is caomh leam an reothadh, is caomh leam an sneachd,
ach tha na h-iseanan bochd leis an acras a-nochd.
Bheir mi dhaibh criomagan de dh’aran is buntàta,
bidh an druid ‘s am brù-dhearg aig an doras glè thràth.