Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

An Tractor

An Tractor

An Tractor

Tha tractor ann an uinneig Bùth MhicChoinnich,
Tractar dearg le rothan mòra dubh,
Abair thusa gu mi bhiodh moiteil,
Nam faighinn fhìn an tractor ud an-diugh.


‘S e bhiodh math a tarraing dhachaigh mòine,
Dhuinn fhìn is dha na nàbaidhean air fad,
‘s mo ghealladh dhut gum biodh e ceart cho feumail,
A’ treabhadh is a cliathadh a’ bhuntat’.


Chuidichinn-sa m’ athair leis an arbhar,
Cha ghearainean gu brath gu robh mi sgìth,
Bhithinn trang gach là o mhoch gu anmoch,
Nam faighinn-sa an tractar ud dhomh fhìn.