Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Bodach beag annasach

Bodach beag annasach

Bodach beag annasach

Choinnich mise bodach beag annasach,
bodach beag annasach, bodach beag annasach,
choinnich mise bodach beag annasach
shuas air cnoc na sìthiche.


Bha bonaid uaine fada agus gobach air,
fada agus gobach air, fada agus gobach air,
bha bonaid uaine fada agus gobach air
shuas air cnoc na sìthiche.


Bha seacaid dhearg le putanan buidhe air,
putanan buidhe air, putanan buidhe air,
bha seacaid dhearg le putanan buidhe air
shuas air cnoc na sìthiche.


Bha briogais ghorm le rionnagan geala air,
rionnagan geala air, rionnagan geala air,
bha briogais ghorm le rionnagan geala air
shuas air cnoc na sìthiche.


Bha stocainnean striopach purpaidh is orains air,
purpaidh is orains air, purpaidh is orains air,
bha stocainnean striopach purpaidh is orains air
shuas air cnoc na sìthiche.


Bha brògan le glagan òr agus airgead air,
òr agus airgead, òr agus airgead,
bha brògan le glagan òr agus airgead air
shuas air cnoc na sìthiche.


Bha feusag fhada 's cluasan biorach air,
cluasan biorach air, cluasan biorach air,
bha feusag fhada 's cluasan biorach air
shuas air cnoc na sìthiche.


Rinn e lachan gàire 's e cho toilichte,
's e cho toilichte, 's e cho toilichte,
rinn e lachan gàire 's e cho toilichte
shuas air cnoc na sìthiche.