Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Danaidh beag an Dràgon

Danaidh beag an Dràgon

Danaidh beag an Dràgon

Dànaidh beag an dràgon a’ fuireach anns a’ ghleann,

Brògan air a chasan agus ad air a cheann.


Dànaidh beag an dràgon a’ fuireach anns a’ ghleann,

Coilear snog mu amhaich agus geansaidh air a chom.


Dànaidh beag an dràgon bidh e dol gu mòine,

bidh e dol dhan bhaile agus bidh e dol dhan sgoil


Tha e math air cleasachd, tha e math air danns',

thig e dha na cròileagain a chluiche leis a' chloinn.


Dànaidh beag an dràgon a' gàireachdainn le spòrs,

a' roiligeadh air ùrlar 's a' dannsa air a' bhòrd.


Cluiche fad an là gus am fàs e sgìth,

thèid e dhan leabaidh agus gheibh e cupa tè.

 

Dànaidh beag an dràgon a’ fuireach anns a’ ghleann,

Brògan air a chasan agus ad air a cheann.

 

Dànaidh beag an dràgon a’ fuireach anns a’ ghleann,

Coilear snog mu amhaich agus geansaidh air a chom.