Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Digear Dhomhnaill Ruaidh

Digear Dhomhnaill Ruaidh

Digear Dhomhnaill Ruaidh

Thall anns a' bhaile againn,
's anns an sgìre air fad mun cuairt,
tha a h-uile duine eòlach,
air digear Dhòmhnaill Ruaidh.


Ma tha pìoban rin cur sìos,
no taighean rin cur suas,
ann an sin gu cinnteach,
bidh digear Dhòmhnaill Ruaidh.


A' tolladh is a' cladhach,
biodh an obair mòr no beag,
nì digear Dhòmhnaill Ruaidh a' chùis,
air talamh no air creag.


Tha sluasaid air an toiseach aige,
's greimear air a' chùl,
gu dearbh 's e inneal feumail
a th' ann an digear Dhòmhnaill Ruaidh.


Ma tha cùmhnant obrach agad,
's g' eil an obair cruaidh,
chan eil càil nas fheàrr,
na cur a dh'iarraidh Dòmhnall Ruadh.


'S an ùine nach bi fada,
bidh an obair air do chùl,
is fàgaidh tu na beannachdan
aig digear Dhòmhnaill Ruaidh.