Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Èisg Bhig

Èisg Bhig

Èisg Bhig

Èisg bhig, èisg bhig, nach tu tha math air snàmh?
Gu dearbha feumaidh mise sin oir bidh mi snàmh gu bràth.


Èisg bhig, èisg bhig, am fairich thusa fuachd?
Chan fhairich idir, 'ille chòir, ged tha mi measg nan stuadh.


Èisg bhig, èisg bhig, a bheil thu idir sgìth?
O chan eil, chan eil, chan eil, cha toigh leam bhith air tìr.


Èisg bhig, èisg bhig, a leig thu idir d' anail?
Is math a dh'fhaodas mise sin a-staigh am measg an fheamainn.


Èisg bhig, èisg bhig, dè dh'ith thu an-diugh?
Lugaichean is boiteagan, is smodal anns an t-sruth.


Èisg bhig, èisg bhig, càite bheil do dhachaigh?
Tha mo dhachaigh anns a' chuan mìle mach on chladach.