Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

O cò ghoid am bonnach

O cò ghoid am bonnach

O cò ghoid am bonnach

O cò ghoid am bonnach, ghoid am bonnach, ghoid am bonnach,
O cò ghoid am bonnach, am bonnach a rinn Màiri.


Chuir i am bonnach air an truinnsear air a’ bhòrd mar bu chòir
‘S nuair a chaidh i air a thòir cha robh mìr air fhàgail.


O cò ghoid am bonnach, ghoid am bonnach, ghoid am bonnach,
O cò ghoid am bonnach, am bonnach a rinn Màiri.


Nuair a chunnaic i mar bha
leig i èigh aiste a bha garbh


's i ri maoidhean pian is cràidh
dhan mhèirleach dhubh a dh'fhalbh leis.
O cò ghoid am bonnach,


ghoid am bonnach, 's a dh'ith am bonnach
o cò ghoid am bonnach,
am bonnach a rinn Màiri?