Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Ràith a' gheamhraidh

Ràith a' gheamhraidh

Ràith a' gheamhraidh

Ràith a' gheamhraidh
reothte, sleamhainn
sgàilean deigh
air lòn agus abhainn.


Ràith a' gheamhraidh,
gailleanach, gaothach,
lèintean a' slacadaich,
air an t-sreang-aodaich.


Ràith a' gheamhraidh,
reòthte, sleamhainn,
sgàilean deigh,
air lòn agus abhainn.


Ràith a' gheamhraidh
clachan-meallain
gnogadh air uinneagan
dannsa air an talamh.

Ràith a' gheamhraidh
dorch anns a' mhadainn
dorch tràth feasgar
dorch anns an leabaidh.


Ràith a' gheamhraidh
Santa Claus
cairtean Nollaig
cluiche le toidhs.


Ràith a' gheamhraidh
sneachda geal
sneachda domhainn
deàlrach, glan.


Ràith a' gheamhraidh
thèid i seachad
thig an uair sin
ràith an earraich.