Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Aon Chorrag Bheag

Aon Chorrag Bheag

Aon Chorrag Bheag

Aon chorrag bheag, aon chorrag bheag,
Aon chorrag bheag a’ dol brig, brig, brag.
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir i air do ghlùin.


Dà chorraig bheag, dà chorraig bheag,
Dà chorraig bheag a’ dol brig, brig, brag.
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Trì corragan beaga, trì corragan beaga,
Trì corragan beaga dol brig, brig, brag.
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Ceithir corragan beaga, ceithir corragan beaga,
Ceithir corragan beaga dol brig, brig, brag
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Còig corragan beaga, còig corragan beaga,
Còig corragan beaga dol brig, brig, brag
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Sia corragan beaga, sia corragan beaga,
Sia corragan beaga dol brig, brig, brag
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Seachd corragan beaga, seachd corragan beaga,
seachd corragan beaga dol brig, brig, brag
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Ochd corragan beaga, ochd corragan beaga,
Ochd corragan beaga dol brig, brig, brag
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Naoi corragan beaga, Naoi corragan beaga,
Naoi corragan beaga dol brig, brig, brag
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.


Deich corragan beaga, deich corragan beaga
Deich corragan beaga dol brig, brig, brag
Suas gu h-àrd, sìos chun an làir
Cuir iad air do ghlùin.