Bus Mòr
Bus Mòr
Bus mòr, mòr a' dol sìos an rathad,
Bus mòr, mòr a' dol sìos an rathad,
Bus mòr, mòr a' dol sìos an rathad,
Mise air a' bhus, mi fhìn agus Mamaidh.
Bus mòr, mòr is e falbh dhan bhaile,
Bus mòr, mòr is e falbh dhan bhaile,
Bus mòr, mòr is e falbh dhan bhaile,
Mise air a' bhus, mi fhìn agus Mamaidh.
Brum, brum, brum ars am bus mòr buidhe,
Brum, brum, brum ars am bus mòr buidhe,
Brum, brum, brum ars am bus mòr buidhe,
Leumaibh na mo bhroinn is thèid mi dhan a’ bhaile.
Thèid mi fhìn is Mamaidh agus ceannaichidh sinn aran,
Ceannaichidh sinn brògan, stocainnean is adan,
Isbeanan is ìm agus tì agus sgadan,
Nuair a bhios sinn sgìth thèid mi fhìn is Mamaidh
dhachaigh.
Brum, brum, brum aig a' bhus mhòr bhuidhe,
Brum, brum, brum aig a' bhus mhòr bhuidhe,
Brum, brum, brum aig a' bhus mhòr bhuidhe,
Tha sinn uile sgìth a' tilleadh às a' bhaile.