Skip to main content
Esgoil Logo Background Image

Cuir do làmhan air do cheann

Cuir do làmhan air do cheann

Cuir do làmhan air do cheann

Cuir do làmhan air do cheann,
Air do cheann, air do cheann,
Cuir do làmhan air do cheann
Mar tha mise dèanamh.


Cuir do làmhan gu do chùlaibh,
Gu do chùlaibh, gu do chùlaibh,
Cuir do làmhan gu do chùlaibh,
Mar tha mise dèanamh.


Air do chasan seas an àird’,
Seas an àird’, seas an àird’,
Air do chasan seas an àird’,
Mar tha mise dèanamh.


Siuthad a-nise, cuir car,
Cuir car, cuir car;
Siuthad a-nise, cuir car
Mar tha mise dèanamh.


Suidh a-nise ’s dùin do shùilean,
Dùin do shùilean, dùin do shùilean;
Suidh a-nise ’s dùin do shùilean
Mar tha mise dèanamh.