Dileab: Eilthireachd
Chaidh pròiseact Dileab: Eilthireachd a chuir air dòigh airson comharrachadh ceud bliadhna on a sheòl an SS Marloch agus an SS Metagama anns a’ Ghiblean 1923 a Chanada le 300 neach a na h-eileanan air bòrd. Bha Roinn Foghlam, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne na Comhairle aig cridhe na h-obrach seo, a thòisich san Fhaoilleach 2023. Le cuideachadh bho Sgioba Ioma Meadhan a Chomhairle, Marisa NicDhòmhnaill, Evelyn Coull NicLeòid agus luchd-taic sònraichte eile.
Leis a’ mhòr-chuid de sgoiltean sna h-Eileanan an sàs, chaidh a’ phròiseact a chur air bhog le eòlaichean a thaobh eachdraidh bho ar sgìrean a’ dol a-steach gu na sgoiltean gus mìneachadh a thoirt seachad air an t-suidheachadh a bha anns na h-Eileanan aig an àm. Is e clasaichean 5-7 sa chumantas a fhuair seo, ach bha e na dhùbhlan seo a chur ann an doìgh a bhiodh an dà chuid fiosrachail agus mothachail air far a bheil sinn a thaobh eòlais ar n-òigridh.
Leis a sin chaidh 8 tachartasan a chuir air dòigh le deilbh-chluich, ceòl agus òrain bhon choimhearsnachd agus na sgoilearan fhèin. Chaidh na tachartasan seo an clàradh agus tha iad an seo airson fhaicinn air fad.
The Dileab: Eilithireachd project was established to mark the centenary of the historic sailing of the SS Marloch and the SS Metagama in April of 1923 to Canada with 300 Islanders on board. The Department of Education, Skills and Children’s Services was at the heart of this work which began in January 2023. With support from the Council's Multimedia Unit, Marisa MacDonald, Evelyn Coull Macleod and other remarkable supporters.
With the majority of Islands’ schools participating, the project was launched when local history experts went into schools to give accounts of the socio-economic situation of the Islands at the time. It was for the most part Classes 5 to 7 who attended these seminars and it was a challenge to balance an approach that was both informative and mindful of the youthfulness of the audience.
With that 8 events were coordinated with plays, music and songs from members of the community and the pupils themselves. These events were recorded and can be viewed here.
Cuirmean-ciùil Dìleab